Farsaingeachd-uachdair priosam
Ciùbaid
Chì thu gu bheil na leanas air a' chiùbaid gu h-àrd:
- 6 aodainn
- 12 oir
- 8 goban
Farsaingeachd-uachdair ciùbaid
Bhon diagram gu h-àrd, chì thu gu bheil:
- an aghaidh agus an cùl co-chòrdachTha co-chòrdach a' ciallachadh gu bheil dà chumadh co-ionann ann an cumadh agus co-ionann ann am meud. (an aon mheud 's an aon chumadh)
- am bàrr agus am bonn co-chòrdach
- an taobh deas agus clì co-chòrdach
Nuair a bhios tu ag obrachadh a-mach na farsaingeachd-uachdairFarsaingeachd nan taobhan gu lèir air cumadh 3sh., bu chòir dhut sùil a chumail air lìon'S e an lìon aig cruth cruaidh, cumadh còmhnard a ghabhas a ghearradh a-mach agus a phasgadh, gus an cruth cruaidh a dhèanamh. a' chumaidh. Sin an coltas a bhiodh air a' chruth chruaidh nam biodh e air a sgaoileadh a-mach.
Question
Obraich a-mach farsaingeachd-uachdair a' chiùbaid gu h-ìosal.
Tha lìon a' chiùbaid gu h-ìosal:
Farsaingeachd a' bhàrr = faid x leud (\(l \times b\))
Farsaingeachd a' bhuinn \(= 140\,c{m^2}\)
Farsaingeachd na h-aghaidh = faid x leud (\(l \times b\))
\(= 20 \times 15\)
\(= 300\,c{m^2}\)
Farsaingeachd a' chùil \(= 300\,c{m^2}\)
Farsaingeachd an taoibh chlì = faid x leud (\(l \times b\))
\(= 15 \times 7\)
\(= 105\,c{m^2}\)
Farsaingeachd an taoibh dheis \(= 105\,c{m^2}\)
Farsaingeachd-uachdair iomlan \(= 140 + 140 + 300 + 300 + 105 + 105 = 1090\,c{m^2}\)
Question
Obraich a-mach farsaingeachd-uachdair a' priosamBloc de ghlainne, no de stuth trìd-shoilleir, a sgapas solas gus spectrum a chruthachdh. gu h-ìosal.
Tha lìon an t-siolandair gu h-ìosal.
Farsaingeachd a' bhàrr \(= \pi {r^2}\)
\(= 3.14 \times {14^2}\)
\(= 615.44\,c{m^2}\)
Farsaingeachd a' bhuinn \(= 615.44\,c{m^2}\)
Farsaingeachd ceart-cheàrnaich = faid x leud (\(l \times b\))
\(= 87.92 \times 28\)
\(= 2461.76\,c{m^2}\)
Farsaingeachd-uachdair iomlan \(= 615.44 + 615.44 + 2461.76 = 3692.64\,c{m^2}\)