Bheactoran 2shCo-chomharran 3sh

A' lorg co-phàirtean bheactor bho dhiagram, bheactoran seasaimh, a' cur-ris/a’ toirt-air-falbh bheactoran 2sh agus 3sh agus a' lorg mheudachdan.

Part ofMatamataigSgilean geoimeatraidh

Co-chomharran 3sh

Chunnaic sinn roimhe mar a bhios sinn a' riochdachadh bheactoran 2sh air an raon \(xy\).

A-nis, leudaichidh sinn air an seo gus coimhead air bheactoran 3sh a' cleachdadh an raoin \(xyz\).

Diagram of 3D shape

Bidh co-chomharran 3sh gan cleachdadh, mar eisimpleir, le luchd-stiùiridh trafaig adhair airson faighinn a-mach càit a bheil plèan leis a' chùrsa aice a bharrachd air a' chomharra-clèithe aice.

Tha puing tòiseachaidh a' bheactor OP aig an origin O (0, 0, 0) agus puing crìochnachaidh aig P (2, 3, 5). Faodaidh sinn a' bheactor OP a tharraing mar seo:

Diagram of 3D shape with value P (2, 3, 5)

Cuimhnich gum bi co-chomharran 3sh sa chruth \((x,y,z)\)

Feuch a-nis a' cheist gu h-ìosal.

Question

Dè na co-chomharran a tha aig gach gob dhen phioramaid leis a' bhonn cheàrnagach san diagram gu h-ìosal.

Diagram of pyramid on xy axis graph with values