Leasachaidhean gus daoine gun obair a chuideachadh
Achd nan Ionadan-obrach, 1909
Fiosrachadh agus soirbheachadh:
Oifisean gus daoine gun obair a chuideachadh a' lorg obair agus bha 3,000 duine san latha a' faighinn obair ann an 1914.
Dìth soirbheachaidh:
Chan fheumadh fastaidhearan obraichean bàn a chlàradh.
Achd an Àrachais Nàiseanta Pàirt 2, 1911
Fiosrachadh agus soirbheachadh:
Nan cailleadh neach-obrach le àrachas obair, gheibheadh e 7 tastain san t-seachdain airson 15 seachdainean. Airson sin fhaighinn, bha luchd-obrach a' pàigheadh 2.5d san t-seachdain, fastaidhearan 2d san t-seachdain agus an stàit 3d san t-seachdain. Bha mòran chiùird an sàs ann, me gàrraidhean-iarainn, innleadaireachd meacanaigeach, togail, fùirneisean iarainn agus muilnean sàbhaidh. Dh'fheumadh na ciùird sin a bhith anns an sgeama.
Dìth soirbheachaidh:
Cha robh duine air a chòmhdach ach airson greis, a rèir na bha air a phàigheadh a-steach agus cha robh cuideachadh ann do theaghlach an neach-obrach.