Leasachaidhean gus daoine òga a chuideachadh
Achd an Fhoghlaim (Solar Bìdh), 1906
Fiosrachadh agus soirbheachadh:
Bha biadh sgoile an-asgaidh dhan h-uile duine.
Dìth soirbheachaidh:
Bha slàinte na cloinne a' dol bhuaithe a-rithist sna saor-làithean agus bha e cosgail dhan riaghaltas.
Achd an Fhoghlaim (Rianachd), 1907
Fiosrachadh agus soirbheachadh:
Sgrùdaidhean meadaigeach do chlann-sgoile agus leigheas meadaigeach an-asgaidh ga thoirt do chlann-sgoile an dèidh 1912.
Dìth soirbheachaidh:
Cha robh leigheas an-asgaidh ri fhaotainn gu 1912. Fiù 's an uair sin bha iomadh ùghdarras ionadail nach robh ga dhèanamh.
Achd na Cloinne (Cùmhnant na Cloinne), 1908
Fiosrachadh agus soirbheachadh:
Bha clann air an casg bho bhith ag iarraidh dèirce agus chaidh Cùirtean Òigridh agus borstals a stèidheachadh gus inbhich agus clann a bha nan eucoraich a chumail air leth.
Dìth soirbheachaidh:
Cha do rinn Cùmhnant na Cloinne mòran airson dèiligeadh ri adhbharan airson eucoir òigridh.