Ag atharrachadh airgeadLùghdachadh air coimisean

Ro thuras a-null thairis, feumar tric d' airgead atharrachadh gu airgead na dùthcha dha bheil thu a' dol. Airson sin obrachadh a-mach, tha reatan iomlaid ann. Uaireannan bi coimisean ri phàigheadh.

Part ofGnìomhan MatamataigsA' làimhseachadh ionmhas

Lùghdachadh air coimisean

Bidh cuid de chompanaidhean iomlaid chèin a' cur coimisean air gnothach sam bith a tha a' gabhail a-steach iomlaid chèin.

'S àbhaist gur e ceudad de luach an airgid a tha ga atharrachadh a bhios sa choimisean, agus bidh an t-sùim air a thoirt bhon airgead a gheibh thu san iomlaid.

Eisimpleir

Tha Anna a' dol dhan Spàinn air saor-làithean agus dh'atharraich i \(\pounds300\) gu iùrothan.

Tha am banca sa bheil i ag atharrachadh an airgid a' cur coimisean de \(5\%\) air an airgead.

'S e an reat iomlaid \(\pounds1 = 1.58\) iùro.

Cia mheud iùro a gheibh i an dèidh coimisean a phàigheadh?

Freagairt

'S e aon not \(\euro1.58\)

Sùim iùrothan \( = 300 \times 1.58 = 474\)

Gheibh Anna \(\euro474\) mus pàigh i coimisean.

Cosgais coimisean \(= 5\%\) de \(474 = 23.70\)

Sùim an dèidh coimisean \(= 474 – 23.70 = 450.30\)

Gheibh Anna \(\euro450.30\)

Question

Tha Seumas a' dol a dh'Ameireaga air saor-làithean.

Tha \(\pounds500\) aige agus tha e ag atharrachadh sin gu dolairean sa bhanca.

'S e an reat iomlaid aig a' bhanca \(\pounds1 = 1.55\) dolair Ameireaganach.

Tha am banca cuideachd a' cur coimisean de \(5\%\) air gach sùim.

Cia mheud dolair a gheibh Seumas?