Ag atharrachadh airgeadAg atharrachadh air ais gu airgead Breatannach

Ro thuras a-null thairis, feumar tric d' airgead atharrachadh gu airgead na dùthcha dha bheil thu a' dol. Airson sin obrachadh a-mach, tha reatan iomlaid ann. Uaireannan bi coimisean ri phàigheadh.

Part ofGnìomhan MatamataigsA' làimhseachadh ionmhas

Ag atharrachadh air ais gu airgead Breatannach

Airson atharrachadh air ais gu airgead Breatannach, bidh thu a' roinn leis an reat iomlaid.

\(\text{Airgead}\, \text{Breatannach} = \frac{{\text{airgead}\, \text{cèin}}}{{\text{reat}\, \text{iomlaid}}}\)

Eisimpleir

Nuair a thill Dave às an Eilbheis, bha \(55\) francan Eilbheiseach aige.

Dh'atharraich e na francan Eilbheiseach air ais gu airgead Breatannach, aig reat de \(£1 = 2.32\) franc.

Dè na fhuair e air ais?

Freagairt

'S e aon not \(2.32\) franc:

Sùim notaichean \( = \frac{{55}}{{2\cdot32}} = 23.70689\)

Feumaidh tu am freagairt a chruinneachadh gu ionad dheicheach.

Mar sin fhuair Dave \(\pounds23.71\) air ais.

Feuch a-nis a' cheist seo:

Question

Thill Heather à Astràilia le \(200\) dolair Astràilianach.

Dh'atharraich i iad air ais gu airgead Breatannach nuair a bha an reat iomlaid aig \(\pounds1 = 2.82\) dolair.

Dè fhuair i air ais?