Gearmailt WeimarCùmhnant Versailles

An dèidh a' Chiad Chogaidh mhill Cùmhnant Versailles a’ Ghearmailt. Chaidh coire air Riaghaltas Weimar is rinn Hitler is na Nadsaidhean feum den sin.

Part ofEachdraidhHitler agus Gearmailt nan Nadsaidhean

Cùmhnant Versailles

Dh'aontaich Riaghaltas na Gearmailt gun soidhnigeadh iad Cùmhnant Versailles san Ògmhios 1919, airson sìth a dhèanamh. Cha do chòrd sin idir ri muinntir na Gearmailt, agus chleachd nàimhdean an riaghaltais sin airson a ràdh gun do 'chuir iad biodag ann an druim na Gearmailt' le bhith a' cur crìoch air a' chogadh.

Cùmhnant Versailles

Mòr-fhianais air beulaibh an Reichstag an aghaidh Cùmhnant Versailles, 1919
Image caption,
Mòr-fhianais air beulaibh an Reichstag an aghaidh Cùmhnant Versailles

Cha robh an Cùmhnant idir gu math na Gearmailt:

  • Chaidh pàirt de thìr na Gearmailt a thoirt bhuaipe agus a thoirt do dhùthchanann eile.
  • Bha aig a' Ghearmailt ri coire a ghabhail airson an cogadh a thòiseachadh.
  • Bha aig a' Ghearmailt ri dìoladh luach £6.6 billean a phàigheadh.
  • Chaidh feachdan na Gearmailt a lùghdachadh agus cha d' fhuairear cead airson feachd-adhair.
  • Bha mòran Ghearmailteach air an tàmailteachadh.

Bha beachdan 'Eucoraich na Samhna' agus 'Biodag san Druim' a' nochdadh ann am mòran de dh'òraidean Hitler airson droch chliù a thoirt air a' chùis.