Atharrachadh na gnàth-shìde
Na tha blàthachadh na cruinne a' ciallachadh dhuinn
Tha luchd-saidheans, luchd-poilitigs agus luchd-gnìomhachais fhathast a' deasbad nan adhbharan airson blàthachadh na cruinne. Tha cuid ag ràdh gu bheil e air a bhith a' dol air adhart bho chionn linntean. Ach, thuirt am Pannal Eadar-riaghaltasan air Atharrachadh na Gnàth-shìde (IPCC: Intergovernmental Panel on Climate Change) - gu bheil an fhianais a' toirt coltas gu bheil buaidh aig obair dhaoine air blàthachadh na cruinne, gu h-àraidh a thaobh sgaoileadh gasaichean taigh-glainne agus cleachdadh aerosoilean.
Tha deasbad ann cuideachd mu dheidhinn dè cho luath 's a tha a' chruinne a' blàthachadh. Ann am beachd cuid de luchd-saidheans, dh'fhaodadh teòthachdan na h-àile èirigh 1.4° gu 5.8°C sna 100 bliadhna a tha romhainn. Tha cuid eile dhen bheachd nach èirich iad cho luath.
Ge bith dè na h-adhbharan agus an ùine, tha buaidhean blàthachadh na cruinne uabhasach cudromach.
Buaidhean – ionadail agus cruinneil
An-dràsta, tha dùthchannan leasaichte (DL) a' cleachdadh barrachd lùtha, a' losgadh barrachd chonnaidhean fosail agus a' leigeil barrachd gasaichean taigh-glainne mu sgaoil na tha dùthchannan fo leasachadh (DfL). Tha am map a' sealltainn nan dùthchannan as motha a tha a' leigeil mu sgaoil dhe na gasaichean.
Tha dùthchannan fo leasachadh ag iarraidh leasachadh – airson a bhith coltach ri dùthchannan leasaichte – agus 's àbhaist sin a bhith a' ciallachadh barrachd lùtha ga chleachdadh agus barrachd connaidh ga losgadh. Mar sin dh'fhaodadh blàthachadh na cruinne a bhith na chunnart do leasachadh.
Tha teòthachdan nas motha a' toirt air ceapan-deighe leaghadh; tha sin a' ciallachadh gu bheil àrainn a' mhathain bhàin a' fàs nas lugha.
Mar a tha blàthachadh na cruinne a' leaghadh cheapan-deighe agus eigh-shruthan an t-saoghail, tha àirde na mara ag èirigh. Tha cuid de luchd-saidheans dhen bheachd gum faodadh àirde na mara èirigh eadar 10cm agus 90cm sna ceud bliadhna a tha romhainn. Bhiodh sin a' ciallachadh gum biodh iomadh sgìre cladaich air feadh an t-saoghail anns nach b' urrainn do dhaoine a bhith beò, nam measg Sealtainn ann an Alba, Bangladeis agus Iapan.
Bidh àrdachadh ann an teòthachdan na mara a' toirt air an uisge leudachadh, agus bidh sin ag adhbhrachadh thuiltean nas miosa.
Dh'fhaodadh blàthachadh na cruinne cuideachd buaidh a thoirt air pàtrain sìde, ag adhbhrachadh barrachd tairt (a bheireadh air bàrr fàilligeadh), tuiltean (a chuireadh cuid de ghnèithean à bith) agus sìde anabharr, mar doineannan.
Thèid duilgheadasan turasachd am meud oir cha bhi uiread de shneachd ann an cuid de dh'ionadan sna beanntan, ach bidh i nas teotha ann an àitichean eile, me mun Mhuir Mheadhan-thìreach.
Sgaoilidh tinneasan tropaigeach mar mailèiria nuair a thèid an teòthachd suas.
Ann am Breatainn chan eil sìde chunnartach nan tropaigean, mar doineannan agus tart uabhasach, a' toirt buaidh oirnn. Ach tha cuid de dh'eòlaichean gnàth-shìde ag ràdh gu bheil gnàth-shìde na Rìoghachd Aonaichte ag atharrachadh mar thoradh air blàthachadh na cruinne, agus gur dòcha gum bi barrachd thuiltean ann, gainnead uisge agus sìde anabharr.