Adhbharan airson blàthachadh na cruinne
Fiosaigeach agus daonna
Tha atharrachaidhean teòthachd ann air sgàth adhbharan fiosaigeach agus daonna.
Adhbharan airson blàthachadh na cruinne
Adhbharan fiosaigeach
Tha adhbharan fiosaigeach airson blàthachadh agus fuarachadh na cruinne a' gabhail a-steach:
- Atharrachaidhean ann an lùth na grèine – bidh obair spotan-grèine a' cur suas teòthachd na cruinne.
- Spreadhaidhean bholcànach – bidh tòrr dust bholcànach san àile a' dìon na talmhainn bho rèididheachd grèine a' tighinn a-steach agus ag ìsleachadh teòthachd na cruinne.
Spreadhaidhean bholcànach
- Cuairtean no atharrachaidhean Milankovitch ann am fiaradh agus/no cuairt na talmhainn mun ghrèin.
- Cuairteachadh cuantail mar blàthachadh an-dràsta 's a-rithist (El Niño) agus fuarachadh (La Niña) ann an cuid dhen Chuan Shèimh thropaigeach.
- Leigidh buan-reothadh a bhios a' leaghadh tòrr gas meatàn mu sgaoil.
Tha na h-adhbharan fiosaigeach sin airson atharrachadh ann an teòthachd na cruinne air a bhith ann riamh agus 's iad as coireach ri cuairtean blàthachaidh is fuarachaidh mu seach ann an teòthachd na talmhainn.
Adhbharan daonna

Tha mòran air a bhith sna naidheachdan o chionn beagan bhliadhnaichean mu na h-adhbharan daonna airson blàthachadh na cruinne – 's iongantach mura smaoinich thu air eisimpleir no dhà. Tha na h-adhbharan daonna air sgàth 's gu bheil an àireamh-sluaigh a' dol suas agus air sgàth leasachaidhean eaconamach.
Nam measg sin tha:
- Losgadh chonnaidhean fosail airson còmhdhail, gnìomhachas agus cumhachd agus tha sin a' dèanamh carbon dà-ogsaid.
- Dì-choillteachadh air feadh an t-saoghail, uaireannan le losgadh coille-uisge, a tha cuideachd a' dèanamh carbon dà-ogsaid.
- Toit chàraichean, todhar le naitridean ann agus stèiseanan cumhachd a' dèanamh naitreach ogsaid.
- CFCs ann am fridsichean, fionnarachadh èadhair agus aerosoilean agus mar sheach-bhathar de bhith a' dèanamh pacaigeadh polaidhstaidhrean, mar bogsaichean burgair agus piotsa.
- Meatàn air a dhèanamh bho achannan rus, làraich sgudail fon talamh agus bho gach ceann de chrodh.
'S iad na prìomh ghasaichean taigh-glainne san àile carbon dà-ogsaid, meatàn agus naitreach ogsaid. Gheibhear iad gu nàdarra san àile, ach thathar dhen bheachd gu bheil iad air a dhol am meud air sgàth 's gu bheil sinn a' losgadh barrachd ola, peatrail agus gual, agus a' leagail choilltean. Tha na gasaichean taigh-glainne air barrachd a chur ri buaidh an taigh-ghlainne le bhith a' glacadh pàirt dhen rèididheachd infra-dhearg agus a' cumail na talmhainn nas blàithe na dh'fhaodadh i a bhith.
Thathar dhen bheachd nuair a tha gasaichean taigh-glainne mar carbon dà-ogsaid (CO2) a' cruinneachadh san àile, gu bheil barrachd teas ga chumail san àile na bhiodh àbhaisteach. Gu nàdarra bhiodh barrachd rèididheachd (teas) bhon ghrèin air ath-thilgeil dhan fhànas.