Bomadh
B' e dùthaich le tòrr gnìomhachas trom a bh' ann am Breatainn agus bhiodh i a' dèanamh mòran dhen stuth air an robh feum airson a' chogaidh an aghaidh na Gearmailt anns na factaraidhean, na mèinnean agus na gàrraidhean-iarainn.
Bha na Gearmailtich ag amas air comas Bhreatainn air dèanamh a' bhathair agus nan stuthan sin a sgrios.
Bha an Luftwaffe Gearmailteach ga chleachdadh airson bailtean gnìomhachais ann am Breatainn a bhomadh, leithid Lunnainn, Dùn Èideann, Glaschu, Obar Dheathain, Liverpool, Manchester agus Sheffield. Bha am bomadh gu h-àraidh dona ann an 1940-41. B' e am Blitz a bh' aig pàipearan-naidheachd Bhreatainn air a' bhomadh sin.

Bhuail bomaichean na Gearmailt ann an sgìrean còmhnaidh agus air dachaighean dhaoine. Thug seo air an riaghaltas rudeigin a dhèanamh - chaidh daoine am brosnachadh gus Fasgadh Anderson a thogail sa ghàrradh aca. Chaidh àitichean-fasgaidh mòra a thogail anns na bailtean airson dìon a thoirt do dhaoine aig nach robh gàrradh. Bha 'dubhadh' ann an dèidh beul na h-oidhche.

Thug am bomadh buaidh air a' chomann-sòisealta gu lèir. Bha an t-obair-chlas, am meadhan-chlas agus am bàrr-chlas san aon chunnart.
Bha am bomadh na adhbhar air beachdan atharrachadh. Bha na daoine cumanta a' cuideachadh a chèile a' togail fhasgaidhean agus bhiodh iad a' coimhead ach an robh teaghlaichean a' cur feum air cuideachadh an dèidh ionnsaigh. Thug e air adhart spiorad agus faireachdainn coimhearsnachd ann am Breatainn agus bha a h-uile duine a' cuideachadh a chèile. Lean an spiorad sin an dèidh a' chogaidh, agus mar thoradh air an sin, chaidh laghan ùra a chur an gnìomh.