Buaidh shòisealta an Dara Cogaidh air BreatainnRaiseanadh

Àm an Dara Cogaidh bha pàirt aig an riaghaltas ann am beatha dhaoine. Dh’ainmich Aithisg Beveridge còig phrìomh àmhghairean sòisealta agus chaidh Stàit na Sochairean a stèidheachadh.

Part ofEachdraidhBreatainn san Nuadh Linn

Raiseanadh

Raisean bho àm an Dara Cogaidh
Figure caption,
Raisean bho àm an Dara Cogaidh

Nuair a thòisich an Dara Cogadh Mòr, bha an àireamh-sluaigh ann am Breatainn air fàs cho mòr agus nach robh talamh tuathanachais gu leòr ann airson an àireamh dhaoine a bha a' fuireach ann a chumail. Chaidh an duilgheadas fhuasgladh le bhith a' toirt mòran bathair a-steach bho dhùthchannan na h-Ìmpireachd.

Dh'fheuch Riaghaltas na Gearmailt ri stad a chur air bathar bho bhith a' tighinn a-steach a Bhreatainn air a' mhuir. Sgrios bàtaichean-aigil na Gearmailt mòran de bhàtaichean marsanta Bhreatainn ann am Blàr an Atlantaig.

Air sgàth 's nach robh uiread de bhiadh san rìoghachd, thòisich an riaghaltas air biadh a raiseanadh ann an 1940:

  • Bha an riaghaltas a' raiseanadh biadh, aodach agus connadh aig àm a' chogaidh.
  • Chan fhaodadh biadh ann an taigh-bìdh barrachd air sùim àraidh a chosg.

Mar a bha biadh air a raiseanadh

Bha raiseanadh na adhbhar air beachdan dhaoine atharrachadh. Seach nach robh cead aig duine ach an aon uiread de bhiadh a cheannach, bha daoine a' faireachdainn gun robh roinneadh agus co-obrachadh ann am Breatainn. Bha daoine a' gabhail ris gun robh an riaghaltas a' gabhail barrachd gnothaich a thaobh slàinte dhaoine agus na bha iad ag ithe.

Taighean-bìdh ann am Breatainn aig àm an Dara Cogaidh