Tha mion-sgrùdadh is luachadh earrann èisteachd a’ gabhail a-steach smaoineachadh mu phrìomh adhbhar a’ phìos, stoidhle na h-earrainn agus do bheachd fhèin air dè cho soirbheachail is a tha i.
Tha e riatanach gun leugh thu na ceistean gu faiceallach gus am bi fios agad dè a tha cudromach anns an fhiosrachadh a chluinneas tu.
Dèan cinnteach gu bheil fios agad dè dha-rìribh a tha a' cheist a' faighneachd gus an tagh thu am freagairt ceart.
Anns na seachdainean mus dèan thu Measaidhean Aonaid bhiodh e glic èisteachd ri earrannan èisteachd. Cuidichidh seo na sgilean èisteachd agad agus leudaichidh e am briathrachas agad.
Is dòcha gun toir an tidsear agad earrannan èisteachd dhut airson a thoirt dhachaigh.
Coimhead air an sgriobt agus èist ris an earrainn gus am fàs thu cleachdte ri bhith ag èisteachd ri agus a' tuigsinn Gàidhlig air a bruidhinn.