'S urrainn dhuinn seataichean-dàta a choimeas a' cleachdadh chuibheasan agus tomhasan sgaoilidh. Bidh plot-bhogsaichean a' toirt fiosrachadh mun raon, mun mheadhan agus mu na cairtealan.
Tha trì tomhasan sgaoilidh air an cleachdadh ann an Nàiseanta 5 Gnìomhan Matamataigs:
raon
leth-raon eadar-chairtealach
claonadh àbhaisteach
Tha an raon a' gabhail a-steach luachan anabharr.
Chan eil an leth-raon eadar-chairtealach a' coimhead air luachan anabharr.
Seall air an t-seata-dàta seo \(1,5,7,8,9,12,13,15,17,18,35\)
'S e an raon \(35-1=34\)
'S e an leth-raon eadar-chairtealach \(\frac{1}{2}\times (17-7) = 5\). Ann an suidheachadh mar seo, tha e glè thric nas fheàrr an leth-raon eadar-chairtealach a chleachdadh nuair a bhios tu a' coimeas dàta.