Leth-raon eadar-chairtealach
'S e leth dhen diofar eadar an cairteal àrd agus an cairteal ìosal a tha san leth-raon eadar-chairtealach.
San eisimpleir roimhe, b' e na cairtealan \(C_1 = 4\) agus \(C_3 = 11\).
'S e raon an leth-raoin eadar-chairtealaich:
\(\frac{1}{2}\,(Q_3 - Q_1)\)
\(=\frac{1}{2}\,\times\,(11-4) \)
\(\frac{1}{2}\,\times \,(11-4)\)
\(=\frac{1}{2}\,\times \,7=3.5\)
Eisimpleir
Chaidh rannsachadh a dhèanamh airson faighinn a-mach cia mheud peata a bha aig gach neach ann an clas. Tha an toradh gu h-ìosal:
| Àireamh pheataichean | Tricead |
| 0 | 3 |
| 1 | 5 |
| 2 | 2 |
| 3 | 7 |
| 4 | 10 |
| 5 | 3 |
| 6 | 1 |
| Àireamh pheataichean | 0 |
|---|---|
| Tricead | 3 |
| Àireamh pheataichean | 1 |
|---|---|
| Tricead | 5 |
| Àireamh pheataichean | 2 |
|---|---|
| Tricead | 2 |
| Àireamh pheataichean | 3 |
|---|---|
| Tricead | 7 |
| Àireamh pheataichean | 4 |
|---|---|
| Tricead | 10 |
| Àireamh pheataichean | 5 |
|---|---|
| Tricead | 3 |
| Àireamh pheataichean | 6 |
|---|---|
| Tricead | 1 |
Lorg an leth-raon eadar-chairtealach.
Freagairt
Tha e feumail colbh airson tricead tionalach a chur ris airson am meadhan agus na cairtealan obrachadh a-mach.
| Àireamh pheataichean | Tricead | Tricead Tionalach |
| 0 | 3 | 3 |
| 1 | 5 | 8 |
| 2 | 2 | 10 |
| 3 | 7 | 17 |
| 4 | 10 | 27 |
| 5 | 3 | 30 |
| 6 | 1 | 31 |
| Àireamh pheataichean | 0 |
|---|---|
| Tricead | 3 |
| Tricead Tionalach | 3 |
| Àireamh pheataichean | 1 |
|---|---|
| Tricead | 5 |
| Tricead Tionalach | 8 |
| Àireamh pheataichean | 2 |
|---|---|
| Tricead | 2 |
| Tricead Tionalach | 10 |
| Àireamh pheataichean | 3 |
|---|---|
| Tricead | 7 |
| Tricead Tionalach | 17 |
| Àireamh pheataichean | 4 |
|---|---|
| Tricead | 10 |
| Tricead Tionalach | 27 |
| Àireamh pheataichean | 5 |
|---|---|
| Tricead | 3 |
| Tricead Tionalach | 30 |
| Àireamh pheataichean | 6 |
|---|---|
| Tricead | 1 |
| Tricead Tionalach | 31 |
Tha 31 sgoilearan ann an clas.
'S e an cairteal ìosal an \((31+1)\div 4\) luach agus 's e sin an t-\(8^{mh}\) luach, agus sin \(1\).
'S e an cairteal àrd an \((31+1)\div 4\,\times 3=24^{mh}\) luach, agus sin \(4\).
Mar sin 's e an leth-raon eadar-chairtealach \(\frac{1}{2}\times (4-1)=1.5\).
(Uaireannan, 's dòcha gum bi agad ris an raon eadar-chairtealach a lorg. Ma bhitheas, cha bhi thu a' dèanamh leth dhen fhreagairt aig \(C_3 - C_1\). San eisimpleir gu h-àrd, 's e \(3\)) an raon eadar-chairtealach.