Ro-innleachdan gus neo-ionannachd a lùghdachadh
Caidreachas malairt
Ged a tha a' mhalairt gu lèir eadar dùthchannan fa leth, tha cuid dhiubh air tighinn còmhla airson gum bi e nas fhasa agus nas saoire a bhith ri malairt. Bidh dùthchannan a' dol còmhla agus a' cruthachadh aonta no caidreachas malairt (ris an canar cuideachd blocan malairt).
Tha na caidreachasan malairt as cumhachdaiche buailteach a bhith ann an dùthchannan leasaichte, me An t-Aonadh Eòrpach agus Aonta Saor-mhalairt Ameireaga a Tuath (NAFTA: North American Free Trade Agreement). Ach tha caidreachasan malairt air feadh an t-saoghail, me tha Mercosur (Ameireaga a Deas) agus Aonadh Eaconamach Afraga an Iar cuideachd stèidhichte mar chaidreachasan malairt agus 's e dùthchannan fo leasachadh a tha nam buill.
Buannachdan nan caidreachasan malairt do dhùthchannan a tha nam buill:
- A' brosnachadh malairt eadar dùthchannan a tha nam buill.
- A' cruthachadh margaid nas motha airson bathar a reic agus barrachd prothaid a dhèanamh.
- A' cuideachdadh le bhith a' dìon ghnìomhachasan nan dùthchannan a tha nam buill.
- A' cruthachadh saor-mhalairt eadar dùthchannan a tha nam buill – tha seo a' ciallachadh nach eil cìsean no cuotathan orra. Tha sin math dha na dùthchannan a tha nam buill oir bidh bathar a bhios iad a' ceannach nas saoire, ach chan eil e na bhuannachd do dhùthchannan nach eil nam buill oir bidh aca ri cìsean a phàigheadh no bidh iad air an cuingealachadh a thaobh nas urrainn dhaibh de mhach-bhathar a chur a dhùthchannan sa chaidreachas.
- Cuideachd bidh riaghaltasan a tha nam buill a' toirt subsadaidh dha na gnìomhachasan aca fhèin airson gun tèid aca air stuthan agus bathar nas saoire a dhèanamh.
- Smachd air crìochan ga thoirt air falbh, me gun maill mhòr a bhith bho ionadan-cusbainn, a' ciallachadh gu bheil e nas fhasa agus nas saoire bathar a thoirt a-steach agus a chur a-mach a dhùthchannan san Aonadh Eòrpach.
- Tha barrachd luchd-obrach san Aonadh Eòrpach do ghnìomhachasan agus mar sin, faodaidh daoine a bhith a' fuireach agus ag obair ann an diofar dhùthchannan a tha nam buill.
- Tha barrachd cumhachd aig gach dùthaich fa leth oir tha iad nam pàirt de 'mhòr chumhachd' aig a bheil buaidh mhòr, mhòr air margaid an t-saoghail.
Bidh cuid de dhùthchannan a bhios a' reic an aon bhathar a' stèidheachadh caidreachas, mar eisimpleir stèidhich dùthchannan a bhios a' dèanamh ola OPEC: Organisation of the Petroleum Exporting Countries.
Malairt chothromach
Tha pàtran malairt chruinneil a' ciallachadh gu bheil feadhainn a tha a' dèanamh bun bhathar anns na DFL a' call air sgàth tuarastal ìosal agus cor beòshlaint truagh. Seach nach eil mòran airgid aca, cha tèid aca air pàigheadh airson foghlam bun-sgoile dhan chloinn aca, agus feumaidh mòran dhen chloinn a bhith ag obair airson bith-beò an teaghlaich.
A' solarachadh ar seòclaid
Tha na roghainnean a nì daoine mu dheidhinn dè cheannaicheas iad, agus càit an ceannaich iad e, a' toirt buaidh dhìreach air malairt chruinneil. Tha roghainnean leithid malairt chothromach ann airson a bhith cinnteach gun cuidich am bathar a cheannaicheas daoine ann a bhith a' cuir às do neo-ionannachd mì-chothromach.
Tha malairt chothromach a' ciallachadh gu bheil an neach-dèanaimh a' faighinn prìs chothromach, chinnteach airson a' bhathair ge brith dè a' phrìs a th' air sa mhargaid chruinneil. Tha seo a' ciallachadh gum bu chòir an cor beòshlaint fàs nas fheàrr, agus cuideachd na bhios san amharc dhan chloinn aca san àm ri teachd.
Uaireannan, bidh bathar malairt chothromach a' cosg beagan a bharrachd sna mòr-bhùithtean ann an DL, ach tha mòran a' faicinn seo mar phrìs bheag airson nam buannachdan a tha iad a' toirt seachad.
Tha bathar malairt chothromach a' sìor fhàs pailt agus tha iad a' gabhail a-steach teatha, cofaidh, siùcar, seòclaid agus fiù 's aodach air a dhèanamh à cotan malairt chothromaich.
Ceanglaichean Ecuador le companaidhean tar-nàiseanta

Bidh malairt chothromach a' brosnachadh co-ionannachd agus cothromachd ann an dèanamh agus malairt bathair. Tha inbhe bhunaiteach agus stiùireadh ann air pàigheadh agus air cùmhnantan luchd-obrach, agus a thaobh seasmhachd (buaidh eaconamach, sòisealta agus àrainneachdail air a cothromachadh) dèanaimh agus malairt. Bidh am Fair Trade Foundation a' brosnachadh Saoranachd Chruinneil le bhith a' toirt taic do luchd-dèanaimh gus an cor beatha a thoirt air adhart, le bhith a' gealltainn prìs chothromach airson a' bhathair aca. Tha mu 5 millean neach a' faotainn buannachd bho mhalairt chothromach ann an 58 dùthchannan.
Tha còrr is 440 companaidh a' coinneachadh nan slatan-tomhais a stèidhich Buidhnean Bileagachaidh Eadar-nàiseanta Malairt Chothromach airson bathar a reic le comharra Fairtrade. Tha mòran bhùithtean air gabhail ri còdan beusach airson a bhith cinnteach gum faigh luchd-obrach tuarastal cothromach.
Cleachdaidhean seasmhach

Sgoiltean carthannais ann an Tansainia
Airson gun tig leasachadh air dùthchannan, feumaidh cothrom a bhith aca malairt a dhèanamh ri chèile. Tha mòran dhùthchannan fo leasachadh an sàs ann an àiteachas agus airson an cuideachadh gu bhith a' leasachadh, feumaidh cothrom a bhith aca prothaid a dhèanamh às a' bhàrr a bhios iad a' fàs. Tha foghlam air leth cudromach airson eòlas agus sgilean àiteachais a thoirt air adhart agus airson bun ghnìomhachasan a thoirt air adhart.
Ann an Tansainia, tha clann a' faotainn ionnsachadh ann am modhan àiteachais seasmhach mar phàirt dhen fhoghlam aca. Am measg na tha seo a' cuideachadh gus piseach a thoirt air an talamh airson fàs, tha uisgeachadh, uchdan, cur chraobhan agus togail loidhnichean cloiche. 'S e cuid de mhuinntir an àite, a bhios a' toirt comhairle do mhuinntir nam bailtean air mar a bheir iad piseach air mach-chur àiteachais, a th' ann an Comhairlichean Tuathanachais. Tha sgeamaichean fèin-chuideachaidh ann air sgèile bheag, agus bidh iad sin a' toirt cothrom do mhuinntir an àite teicneòlas sìmplidh a chleachdadh a chaidh a dhèanamh san àite fhèin, me cruinn a thàirngeas crodh. Tha sgeamaichean fèin-chuideachaidh seasmhach oir tha sin a' ciallachadh nach eil daoine an eisimeil iasadan daora agus eòlaichean à tìrean cèin.
Seasmhachd choilltean-uisge – Costa Rica
Ann an Costa Rica, tha cuid de dhaoine a' dèanamh prothaid às a' choille-uisge gun a bhith ga milleadh. Tha dòighean tuathanachais seasmhach a' ciallachadh gum faod tuathanaich còco agus bananathan organach fhàs, a bhuain agus a reic. Chaidh an t-airgead bho bhith a' reic a' bhathair sin a chleachdadh gus piseach a thoirt air cor beòshlaint an tuathanaich agus a theaghlach. Tha daoine eile a' dèanamh airgead bho na craobhan a thuit gu nàdarra – tha iad air an gearradh nan logaichean, air an giùlan air falbh le buabhaill agus tha am fiodh air a reic. Còmhla ri eag-thurasachd, tha na dòighean sin a' cuideachadh le lèirsinn sa cheann fhada dhan choille-uisge a chumail suas. Tha muinntir an àite a' dèanamh airgead fhad 's a tha iad a' dìon na coille-uisge do ghinealaich ri teachd.
Ag ath-chuairteachadh fònaichean-làimhe
Ann an Ceinia, tha fònaichean-làimhe air an cleachdadh gus piseach a thoirt air an eaconamaidh. Tha fònaichean-làimhe aig còrr is 70% dhen t-sluagh, ach chan eil cunntas banca ach aig 20% ann an Ceinia. Tha fònaichean air an cleachdadh airson airgead a ghluasad, agus tha sin a' toirt cothrom do dhaoine a bhith ri malairt, me am bathar a dh'fheumas iad a cheannach ann am bùithtean. Nuair a tha barrachd airgid ga chosg, tha eaconamaidh Cheinia a' tighinn air adhart agus aig an aon àm, tha fònaichean-làimhe a chaidh a shadail às ann an dùthchannan leasaichte air an cleachdadh gu seasmhach.