Neo-ionannachd ann am malairt
Adhbharan
'S e dùthchannan leasaichte mar an RA, na SA, Iapan agus feadhainn air taobh an Iar na Roinn Eòrpa as motha a bhuannaich bho chruinneachas. Tha eaconamaidh làidir sna dùthchannan sin, tha ceanglaichean malairt math aca agus tha cor-beatha math aig na daoine a tha a' fuireach annta. Anns na bliadhnaichean mu dheireadh, tha Brasil, An Ruis, Na h-Innseachan agus Sìona (BRICs: Brazil, Russia, India and China) air buannachadh bho chruinneachas oir tha iad air fàs nas leasaichte.
Seach gu bheil mòran mhargaidean ann an dùthchannan leasaichte fhathast a' fulang air sgàth an staing creideis agus an crìonadh a thàinig mar thoradh air, tha beagan dhùthchannan sa bheil an eaconamaidh a' fàs. 'S iad sin na "CIVETS" mar a chanar riutha - Colombia, Indonìsia, Bhietnam, An Èipheit, An Tuirc agus Ceann a Deas Afraga (CIVETS: Colombia, Indonesia, Vietnam, Egypt, Turkey and South Africa). Thathar an dùil gur iad na margaidean a tha a' nochdadh sna dùthchannan sin an t-àite as fheàrr airson fàs eaconamach, leantainneach. Tha iad sgapte air feadh an t-saoghail, ach tha iad coltach ri chèile ann an cuid de dhòighean oir tha sluagh òg annta, siostaman airgid a tha glè mhath agus chan eil iad an eisimeil aon seòrsa gnìomhachais.
Tha iomadh dùthaich fo leasachadh air call a-mach air dlùth-chruinneas, mar cuid ann an Afraga, a tha air cuid dhe na dùthchannan as lugha air an t-saoghal a th' air an leasachadh agus glè thric nach eil stèidheil a thaobh poilitigs. Chaill Coiria a Tuath a-mach air dlùth-chruinneas cuideachd oir tha an riaghaltas uabhasach cruaidh agus smachdail.
Tha neo-ionannachd malairt ann air sgàth:
- Dìth stòrasan nàdarra a ghabhas a leasachadh no a reic.
- Reatan litearrais ìosal agus dìth sgilean a b' urrainn stòrasan a leasachadh.
- Dìth bunait gnìomhachais oir tha a' mhòr-chuid de dhùthchannan fo leasachadh an sàs ann an tuathanachas bith-beò.
- Dùthchannan leasaichte nas beairtiche agus le barrachd cumhachd a' gabhail brath air dùthchannan fo leasachadh – airgead a' falbh às an dùthaich aoigheachd.
- Tha bochdainn agus fiachan eadar-nàiseanta a' cur bacadh air dùthchannan fo leasachadh bho bhith a' tasgadh ann an gnìomhachas.
- Tha suidheachadh poilitigeach nach eil stèidheil agus riaghaltasan eas-onarach a' ciallachadh gu bheil airgead ga thionndadh air falbh bho leasachadh gnìomhachais agus tha sin a' dì-mhisneachadh tasgadh bho dhùthchannan cèin.
- Tha droch shlàinte agus galaran, me AIDS agus mailèiria a' ciallachadh nach eil daoine air chothrom obair a dhèanamh fiù 's ged a bhiodh na sgilean aca agus iad ag iarraidh obair.
- Faodaidh tubaistean nàdarra mar tart, gort agus crithean-talmhainn leasachadh dùthcha a chur air ais iomadh bliadhna.
- Bidh cogaidhean catharra a' cur bacadh air leasachadh gnìomhachais oir chan eil luchd-tasgaidh à dùthchannan cèin ag iarraidh a dhol a dh'àite sa bheil cogadh.
- Dìth bun-structair, me nuair nach eil rathaidean, rèile, puirt-mhara no puirt-adhair ann, chan eil dòigh air bathar a chur gu margaid.