Buaidh Cogadh Bhietnam
Buaidh air Bhietnam
- Chaochail mu 500,000 sìobhaltach.
- Dh'adhbhraich Agent Orange gun robh beudan, no rudan ceàrr, air cuid de na leanaban a rugadh agus tha sin ann fhathast chun an latha an-diugh.
- Chaidh an dùthaich ath-aonachadh an dèidh dha na comannaich an ceann a Deas a ghabhail thairis ann an 1976.
- Ron chogadh, bha Bhietnam a' dèanamh mach-mhalairt mhòr ann an rus. Bha sgrios an fhearainn rè a' chogaidh a' ciallachadh nach b' urrainn dhan dùthaich biadh gu leòr a dhèanamh dhan t-sluagh.
- Dh'fhàg mòran dhen luchd-obrach proifeiseanta, agus de luchd-obrach le sgilean, an dùthaich ma bha ceangal aca ri Riaghaltas Bhietnam a Deas oir bha eagal orra ro gheur-leanmhainn.
- Stèidhich na feachdan comannach campaichean cruinneachaidh airson nàimhdean comannachd agus do luchd-taic Riaghaltas Bhietnam a Deas. Bha iad gu bhith a' dol dha na campaichean airson an 'ath-fhoghlam'.
Buaidh air na SA
Bha cliù Ameireaga air a mhilleadh air feadh an t-saoghail. Fhuair iad càineadh airson a bhith a' toirt taic do riaghaltas coirbte. Bha na meadhanan air sealltainn dhan t-saoghal cho brùideil 's a bha innleachdan Ameireaga.
Chaidh mu 58,000 saighdear Ameireaganach a mharbhadh agus 153,000 eile a leòn.
Rè Cogadh Bhietnam, chosg na SA $828 billean air armailteachd. Bho 1965, bha iad a' cosg còrr is $50 billean gach bliadhna. Tha tuairmse ann a tha a' meas gun do chosg e $111 billean de mhaoineachadh a bharrachd dha na SA a bhith an sàs ann an Bhietnam.
Buaidh air inntinn
- Chaill còrr is 100,000 saighdear Ameireaganach buill dhem bodhaig sa chogadh agus bha iad a' cur feum air leigheas.
- Cha robhar a' dèiligeadh gu math ri daoine a sheachain am Foireann agus theich cuid dhiubh às an dùthaich.
- Cha mhotha a bhathar a' dèiligeadh gu math ri saighdearan nan SA a bha a' tilleadh às a' chogadh. Bha mòran shìobhaltach a' coimhead orra mar fhir a bha borb a bu chòir am peanasachadh no an seachnadh.
- Bha e a' dì-mhisneachadh dhaoine gun do chaill Ameireaga, dùthaich a bha na mòr-chumhachd, an aghaidh dùthaich nach robh cho cumhachdach. Chaill daoine misneachd sa chomas armailteach aice.
Buaidh air a' Chogadh Fhuar

Dh'fheuch Nixon ri détente a chur air bhonn cuide ris an Aonadh Shòbhieteach agus iad a' feuchainn ri sgaradh a dhèanamh eadar an dà mhòr-chumhachd chomannach a thaobh an taic a bha aca do Bhietnam a Tuath. Dh'fheuch na SA agus an USSR ri astar a chur eadar iad fhèin agus Sìona.
Teagasg Nixon
Thuirt Nixon nach robh na SA a' dol a ghabhail oirre a' chòrr uallaichean armailteach. Dh'fheumadh na caidrich aca coimhead às dèidh an tèarainteachd fhèin.
Bha dìreach pàirt dhen Teòiridh Domino air a daingneachadh
Bha comannachd air sgaoileadh a Shìona ann an 1949, a Choiria toiseach nan 1950an agus a Bhietnam sna 1950an. Chaidh Laos agus Cambodia cuideachd chun na comannaich, ach cha do sgaoil comannachd idir dhan a' chòrr de cheann an Ear-dheas Àisia.
Ged a chaidh an Roinn Eòrpa an Ear gu comannachd an dèidh a' chogaidh, cha do sgaoil e dhan Roinn Eòrpa an Iar. Ach bha pàrtaidhean mòra, comannach ann an iomadh dùthaich Eòrpach, agus mar sin, bha an cunnart ann fad na h-ùine.
Chaidh a shealltainn gum faodadh comannachd a bhith air a sgaoileadh gu dùthchannan eile ged nach robh cinnt mun sin.