Innleachd armailteach èifeachdach nam Bhietcong
Ged nach robh plèanaichean, tancaichean no làmhachas aca, chaidh aig na Bhietcong air cumail an aghaidh Arm nan SA gus an do dh'fhàg na h-Ameireaganaich Bhietnam sna 1970an. Bha grunn innleachdan aca a chuidich iad gus sin a dhèanamh.
Cogadh Guerrilla
Ann an cogadh guerrilla bidh daoine a' cleachdadh an eòlais a th' aca air an dùthaich gus sabaid fhollaiseach an aghaidh an nàmhaid a sheachnadh, agus gus ionnsaighean a thoirt orra gun fhiosta mus tèid iad à sealladh a-rithist am measg chraobhan is eile. Bha na Bhietcong eòlach air a bhith a' dèanamh sin nuair a bha iad a' sabaid an aghaidh nan Iapanach agus nam Frangach an dèidh an Dara Cogaidh. Bha iad eòlach air an dealbh-tìre agus air a' ghnàth-shìde. Bha iad a' cleachdadh Slighe Ho Chi Minh, a bha a' sìneadh bho Bhietnam a Tuath gu Deas, airson stuth a chumail ris na feachdan aca.

Taic bhon luchd-tuatha
Ghlac na Bhietcong 'cridhe is inntinn' luchd-tuatha Bhietnam a Deas. Bhiodh iad a' tabhann cuideachadh do luchd-tuatha Bhietnam a Deas nan obair làitheil. Gheall iad fearann dhaibh, barrachd beairteis agus saorsa fo Ho Chi Minh agus na comannaich.
Bha e doirbh dha na feachdan Ameireaganach fios a bhith aca cò bha na Bhietcong agus cò nach robh.
Tunailean agus ribeachan
Bha siostam thunailean falaichte anns an robh còrr is 200 mìle a dh'fhaid aig na Bhietcong. Bha ospadail, stòran bhall-airm, àiteachan-cadail, cidseanan agus tobair fon talamh. B' urrainn na mìltean dhen Bhietcong falach anns na tunailean agus chuidich iad seo anns a' chogadh guerrilla.
B' e an obair aig 'radain thunailean' nan SA na tunailean a bha sin a rannsachadh. Ach glè thric bhiodh iad air an glacadh le spìcean agus grenèidean.
Taic bho dhùthchannan cèin
Bha na Bhietcong agus Bhietnam a Tuath a' faighinn taic bhon USSR agus bho Shìona le airgead agus buill-airm.
Ionnsaigh Tet (1968)
Ghlac na Bhietcong 75% de phrìomh bhailtean Bhietnam a Deas airson beagan uairean a thìde, nam measg, bha Ambasaid nan SA ann an Saigon.
Dh'fhàillig an ionnsaigh, ach bha dà bhuaidh chudromach aige:
- Thuig na SA nach buannaicheadh iad cogadh an aghaidh nàmhaid a bha cho dealasach agus cho sgapte. Dh'adhbhraicheadh e barrachd millidh air an t-sluagh shìobhalta agus air feachdan nan SA na bha na h-Ameireaganaich deònach fhulang.
- Chuir an Ceann-suidhe Johnson stad air bomadh ann a' Bhietnam a Tuath airson còmhraidhean sìthe a' thòiseachadh ann am Paris.