Na Nadsaidhean a’ tighinn gu cumhachdNadsaidhean a' daingneachadh an cumhachd

Sa Ghearmailt sna 1920an rinn na Nadsaidhean feum de phropaganda is ceannas Hitler son taic dhaoine fhaotainn. Thug sin cumhachd don Phàrtaidh Nadsaidheach an 1933.

Part ofEachdraidhHitler agus Gearmailt nan Nadsaidhean

Nadsaidhean a' daingneachadh an cumhachd

Hitler a' dèanamh òraid
Figure caption,
Hitler a' dèanamh òraid

Thug na tachartasan a leanas comas do Hitler agus dha na Nadsaidhean an grèim air cumhachd a dhaingneachadh agus b' e deireadh na cùise gun d' fhuair Hitler làn chumhachdan deachdaireachd agus an tiotal, Führer.

20 Màrt 1933

  • Chaidh a' chiad champaichean cruinneachaidh a stèidheachadh airson phrìosanach poilitigeach.

23 Màrt 1933 - Achd a' Chomasachaidh

  • Bhòt an Reichstag cumhachdan a thoirt do Hitler a leigeadh leis laghan a dhèanamh e fhèin.

26 Giblean 1933

  • Stèidhich Hitler an Gestapo, buidheann trusadh fiosrachaidh na Gearmailt Nadsaidhich.

2 Cèitean 1933

  • Chaidh cur às do dh'aonaidhean-ciùird.

14 Iuchar 1933

  • Chaidh a h-uile pàrtaidh poilitigeach a chasg ach a-mhàin am Pàrtaidh Nadsaidheach.
  • Chuir sin às do dheamocrasaidh oir cha robh feum air taghaidhean agus bha stàit le aon phàrtaidh air a chruthachadh.

30 Ògmhios 1934 - Oidhche nan Sgeinean Fada

  • Dh'adhbhraich an SA duilgheadasan le bhith ag iarraidh an t-arm a ghabhail thairis.
  • Cha dèanadh math do Hitler call taic an airm.
  • Mhurt an SS mòran de cheannardan an SA. Gu h-oifigeil chaill faisg air 100 ball am beatha, agus an ceannard, Ernst Röhm, nam measg.
  • Chuir sin às dhan h-uile duine a bha an aghaidh Hitler sa Phàrtaidh Nadsaidheach. Thug e cuideachd barrachd cumhachd dhan SS.

19 Lùnastal 1934 - Am Führer

  • Chaochail an Ceann-suidhe Hindenburg.
  • Dh'aonaich Hitler dreuchdan a' Chinn-suidhe agus an t-Seansalair agus chaidh e na cheannard air Arm na Gearmailt.
  • Ghabh e an tiotal Führer agus bha làn chumhachdan deachdaire aige.