Cùisean cruinneil
Eagal gun sgaoileadh Comannachd
- Bha comannaich a' creidsinn gur e mèirle a bh' ann an sealbh prìomhaideach fearainn is maoin. Cha robh uachdarain fearainn agus luchd-gnothachais na Gearmailt idir airson gum faigheadh na comannaich buaidh phoilitigeach.
- Bhiodh an SA glè thric a' toirt ionnsaigh air buidhnean comannach anns na tallaichean leanna agus air na sràidean. Thug sin air mòran dhe na h-uachdarain fearainn agus dhen luchd-gnothachais taic a thoirt dha na Nadsaidhich.
Buaidh briseadh Wall Street

Sluagh fo iomagain taobh a-muigh Ionad-malairt New York air latha Briseadh Wall Street
- Bha am briseadh san eaconamaidh sna SA a' ciallachadh gun deach na h-iasadan a thugadh dhan Ghearmailt ann an 1924, iarraidh air ais.
- Cha b' urrainn do dh'eaconamaidh na Gearmailt seasamh ris an sin, agus dhùin gnothachasan agus chaill mòran Ghearmailteach an obair.
Mar a chuidich briseadh san eaconamaidh Hitler a' tighinn gu cumhachd
San Fhaoilleach 1933, ghabh Hitler ri bhith na Sheansalair. Thachair sin an dèidh do von Papen toirt a chreidsinn air Hindenburg gun cumadh e smachd air Hitler san dreuchd mar Iar-sheansalair.