Ainmearan leis an altAinmearan leis an alt

Bheir eòlas air gràmar na Gàidhlig cuideachadh dhut ann a bhith a’ tuigsinn agus a’ cleachdadh a’ chànain. Doimhnich d’ eòlas air ainmearan leis an alt leis an earrainn is an deuchainn seo.

Part ofGàidhligGràmar

Ainmearan leis an alt

Ainmearan leis an alt

5. An tuiseal ainmneach iolra - a' cleachdadh na no na h-.

Ann an Gàidhlig bidh sinn a' cleachdadh na no na h- air beulaibh ainmear iolra.

Tha na air a chleachdadh an uair a tha an t-ainmear a' tòiseachadh le connrag.

Tha na h- air a chleachdadh an uair a tha an t-ainmear a' tòiseachadh le fuaimreag.

Clàr den tuiseal ainmneach iolra - a' cleachdadh na no na h-

Cruth neo-shònraichteCruth sònraichte
boireannaichna boireannaich
caileaganna caileagan
glainneachanna glainneachan
pòcaideanna pòcaidean
seacaideanna seacaidean
uisgeachanna h-uisgeachan
adhbharanna h-adhbharan
aibhnicheanna h-aibhnichean
oilthigheanna h-oilthighean
ospadalanna h-ospadalan
eisimpleireanna h-eisimpleirean
Cruth neo-shònraichteboireannaich
Cruth sònraichtena boireannaich
Cruth neo-shònraichtecaileagan
Cruth sònraichtena caileagan
Cruth neo-shònraichteglainneachan
Cruth sònraichtena glainneachan
Cruth neo-shònraichtepòcaidean
Cruth sònraichtena pòcaidean
Cruth neo-shònraichteseacaidean
Cruth sònraichtena seacaidean
Cruth neo-shònraichteuisgeachan
Cruth sònraichtena h-uisgeachan
Cruth neo-shònraichteadhbharan
Cruth sònraichtena h-adhbharan
Cruth neo-shònraichteaibhnichean
Cruth sònraichtena h-aibhnichean
Cruth neo-shònraichteoilthighean
Cruth sònraichtena h-oilthighean
Cruth neo-shònraichteospadalan
Cruth sònraichtena h-ospadalan
Cruth neo-shònraichteeisimpleirean
Cruth sònraichtena h-eisimpleirean