Àrd-thalamh eighichteDuilgheadasan cleachdadh-fearainn is fuasglaidhean

Tha coireachan, stùcan pioramaideach is glinn air chumadh u gan cruthachadh ri linn eigheachadh. Nochdaidh còmhstri ri linn diofar chleachdaidhean-fearainn; feumar fuasglaidhean gus dèiligeadh riutha.

Part ofCruinn-eòlasÀrainneachdan fiosaigeach

Duilgheadasan cleachdadh-fearainn agus fuasglaidhean

Strì 1: Luchd-turais v Tuathanaich

Air sgàth diofar sheòrsachan cleachdadh-fearainn, bidh còmhstri no duilgheadas glè thric a' nochdadh. Tha a' mhòr-chuid dhen duilgheadas air sgàth àireamh mhòr de luchd-turais a' tighinn dhan sgìre, gu h-àraidh as t-samhradh. Seach gu bheil diofar uachdarain ann agus diofar luchd-cleachdaidh fearainn, bidh iomadh duilgheadas a' nochdadh. Mar sin bheir sinn sùil air a dhà dhiubh sin, agus na diofar ro-innleachdan manaidsidh a tha ann airson na duilgheadasan sin a lùghdachadh.

DuilgheadasFuasgladh
Luchd-coiseachd a' fàgail gheataichean fosgailteTuathanaich a' cur suas soidhne ag ràdh 'cùm an geata dùinte'
Coin a' ruith chaorachLuchd-raoin gan cleachdadh gus duilgheadasan a bhacadh le bhith a' brosnachadh turasachd fhaiceallach
Ballachan cloiche air am milleadhBuidhnean saor-thoileach, mar an t-Urras Nàiseanta, a' dìon sgìrean le talamh is togalaichean a cheannach, agus a' cumail suas bhallachan is slighean coiseachd
Dh'fhaodadh tuathanaich luchd-coiseachd a bhacadh aig amannan sònraichte, me aig àm breith nan uanLuchd-raoin is luchd-cleachdaidh fearainn a' co-obrachadh gus duilgheadasan a lùghdachadh
Fuaim a' cur dragh air beathaicheanLuchd-obrach san ionad-tadhail a' feuchainn ri daoine oideachadh mun 'Chòd Dhùthchail/Còd Inntreadh Dùthchail'
DuilgheadasLuchd-coiseachd a' fàgail gheataichean fosgailte
FuasgladhTuathanaich a' cur suas soidhne ag ràdh 'cùm an geata dùinte'
DuilgheadasCoin a' ruith chaorach
FuasgladhLuchd-raoin gan cleachdadh gus duilgheadasan a bhacadh le bhith a' brosnachadh turasachd fhaiceallach
DuilgheadasBallachan cloiche air am milleadh
FuasgladhBuidhnean saor-thoileach, mar an t-Urras Nàiseanta, a' dìon sgìrean le talamh is togalaichean a cheannach, agus a' cumail suas bhallachan is slighean coiseachd
DuilgheadasDh'fhaodadh tuathanaich luchd-coiseachd a bhacadh aig amannan sònraichte, me aig àm breith nan uan
FuasgladhLuchd-raoin is luchd-cleachdaidh fearainn a' co-obrachadh gus duilgheadasan a lùghdachadh
DuilgheadasFuaim a' cur dragh air beathaichean
FuasgladhLuchd-obrach san ionad-tadhail a' feuchainn ri daoine oideachadh mun 'Chòd Dhùthchail/Còd Inntreadh Dùthchail'

Strì 2: Luchd-turais v Muinntir an àite

DuilgheadasFuasgladh
Barrachd sgudailPàircean nàiseanta air bionaichean a thoirt air falbh agus iad an dòchas gun toir daoine sgudal dhachaigh leotha
Dùmhlachadh trafaig aig amannan trang a' cur bacadh air muinntir an àite bho bhith rin gnothaichean làitheilSiostaman aon-shlighe (Ambleside), sràidean do choisichean (Keswick) agus còmhdhail phoblach nas fheàrr airson buaidh dùmhlachadh trafaig a lùghdachadh
Milleadh nan slighean coiseachd a' coimhead grànda ann an àitichean coiseachd mòr-chòrdte, me air Beinn HelvellynFaodaidh oifigearan pàirc nàiseanta slighean cloiche a thogail gus milleadh shlighean a lùghdachadh, agus soidhnichean a chur suas gus luchd-coiseachd a chur gu slighe eile
Barrachd truailleadh èadhair agus fuaim air sgàth barrachd trafaigSeirbheis bhusaichean is rèile nas fheàrr gus nach bi cus chàraichean sa phàirc nàiseanta
Dh'fhaodadh seirbheisean dùnadh seach nach bi daoine le dara dachaigh a' fuireach san àite fad na h-ùineBhanaichean gach seachdain a' toirt seirbheis gu bàiltean beaga, me leabharlann
DuilgheadasBarrachd sgudail
FuasgladhPàircean nàiseanta air bionaichean a thoirt air falbh agus iad an dòchas gun toir daoine sgudal dhachaigh leotha
DuilgheadasDùmhlachadh trafaig aig amannan trang a' cur bacadh air muinntir an àite bho bhith rin gnothaichean làitheil
FuasgladhSiostaman aon-shlighe (Ambleside), sràidean do choisichean (Keswick) agus còmhdhail phoblach nas fheàrr airson buaidh dùmhlachadh trafaig a lùghdachadh
DuilgheadasMilleadh nan slighean coiseachd a' coimhead grànda ann an àitichean coiseachd mòr-chòrdte, me air Beinn Helvellyn
FuasgladhFaodaidh oifigearan pàirc nàiseanta slighean cloiche a thogail gus milleadh shlighean a lùghdachadh, agus soidhnichean a chur suas gus luchd-coiseachd a chur gu slighe eile
DuilgheadasBarrachd truailleadh èadhair agus fuaim air sgàth barrachd trafaig
FuasgladhSeirbheis bhusaichean is rèile nas fheàrr gus nach bi cus chàraichean sa phàirc nàiseanta
DuilgheadasDh'fhaodadh seirbheisean dùnadh seach nach bi daoine le dara dachaigh a' fuireach san àite fad na h-ùine
FuasgladhBhanaichean gach seachdain a' toirt seirbheis gu bàiltean beaga, me leabharlann