Àrd-thalamh eighichteÀrd-thalamh eighichte

Tha coireachan, stùcan pioramaideach is glinn air chumadh u gan cruthachadh ri linn eigheachadh. Nochdaidh còmhstri ri linn diofar chleachdaidhean-fearainn; feumar fuasglaidhean gus dèiligeadh riutha.

Part ofCruinn-eòlasÀrainneachdan fiosaigeach

Àrd-thalamh eighichte

Feartan àrd-thalamh eighichte

Tha feartan àrd-thalamh eighichte comharraichte air an diagram gu h-ìosal.

Dealbh-tÏre eigheadail
Figure caption,
Dealbh-tìre eigheadail

Stùc phioramaideach - tha aghaidhean casa, triantanach oirre a tha air an roinn le dromannan biorach no arêtes.

Arête - tha aghaidhean casa, triantanach oirre a tha air an roinn le dromannan biorach no arêtes.

Coire - 's e lag a th' ann le cumadh sèithear mòr le gàirdeanan le cùl agus taobhan casa.

Lochan coire no lochan - tha uisge air cruinneachadh san lag air grunnd a' choire.

Fana alùbhium - 's e dùn a th' ann de dh'fhuigheall creige (alùbhium), le cumadh fana, a tha air càrnadh suas far a bheil taobhan casa a' ghlinne a' coinneachadh ri grunnd a' ghlinne.

Loch riobain - 's e loch fhada, chaol a th' ann ann am pàirt dhen ghleann a chaidh a ghearradh nas doimhne leis an eigh-shruth.

Spor sàbhte - chaidh an druim a shàbhadh dheth leis an deigh a shruth sìos am prìomh ghleann.

Sruth neo-chuimseach - tha e fada ro bheag airson an gleann a ghearradh.

Gleann crochte - tha grunnd a' ghlinne gu math nas àirde na grunnd a' phrìomh ghlinne.

Gleann air chumadh U - tha taobhan casa air agus tha an grunnd cha mhòr còmhnard. (Tha taobh eile a' ghlinne a dhìth san tar-dhiagram).

Eisimpleirean de cheistean

Tha na h-eisimpleirean cheistean a leanas a' sealltainn dhòighean air diagraman a chleachdadh gus mìneachadh mar a chaidh na feartan as cumanta a chumadh.

Question

Mìnich mar a chaidh coire a chruthachadh.

Question

Mìnich cruthachadh stùc phioramaideach (adharc).

Question

Mìnich cruthachadh gleann air chumadh U.