Am Pannal

Jo NicDhòmhnaill

Jo NicDhòmhnaillMun àm seo an-uiridh dh'iarr BBC Gàidhlig air Jo NicDhòmhnaill trì cheud 's a trì-deug òran a thaghadh airson Òran an Là, a bha gu bhith mar phàirt de Bhliadhna nan Òran.

Ciamar a thaghas tu dìreach beagan is còrr air trì cheud òran a-mach às na mìltean a th' againn ann an Gàidhlig?

Thuirt Jo, "Chan eil e air a bhith furasta, ach rinn mi oidhirp air òrain a thaghadh às gach àite; òrain de gach seòrsa bho òrain mhòra gu tàlaidhean is òrain bleoghainn, duain is dàin spioradail, òrain gaoil is òrain molaidh, laoidhean, corra aoir, puirt-à-beul, òrain aotrom èibhinn, òrain mu ghràdh-dùthcha is cianalas, marbhrannan is cumhaichean, òrain a rinneadh le na bàird as ainmeil a bha as gach linn, agus òrain a rinneadh le maraichean is mnathan luaidh.

'S tha e nise doirbh a chreidsinn gu bheil an taghadh dèanta."

Art MacCarmaig

Art MacCarmaig Rugadh agus thogadh Art anns an Eilean Sgitheanach far a bheil e fhathast a' fuireach, ann am Port Rìgh, còmhla ri a bhean, Shona, agus an triùir chloinne, Ruaraidh, Eilidh agus Iain.

Thòisich e a' seinn nuair a bha e mu ochd bliadhna a dh'aois, agus choisinn e Bonn Òr a' Chomuinn Ghàidhealaich nuair nach robh e ach 18, am fireannach a b' òige a-riamh a choisinn an duais seo.

Tha e air grunn chlàir a dhèanamh, a' seinn leis fhèin agus a' seinn le còmhlain leithid Mac-talla agus Cliar.

Ged a tha e a' seinn cho tric agus is urrainn dha, tha e trang le obair-latha. Mar àrd neach-stiùiridh Fèisean nan Gàidheal, tha aige fhèin agus a luchd-obrach ri mu 45 Fèis, a' teagasg mu 13,000 duine òg gach bliadhna, a fhrithealadh.

Am measg nam buidhnean eile anns a bheil e an sàs, 's esan aon den cheathrar a chuir an companaidh Macmeanmna air chois, agus bha e na Chathraiche fad 14 bliadhna air Àros Ltd, an companaidh a thog agus a tha a' ruith ionad-ealain Phort Rìgh.

Tha e air a bhith na Chathraiche air Bòrd na Gàidhlig bhon Ghearran 2009 agus na bhall den Bhòrd bho chaidh a chruthachadh ann an 2003.

Maoilios Caimbeul

Maoilios Caimbeul B' e miseanaraidh san Eaglais Shaor a bh' ann an athair Mhaoilios agus ri linn sin, chuir e seachad òige ann an iomadh àite, nam measg An t-Eilean Sgitheanach, Leòdhas agus Siorrachd Inbhir Nis.

Chaidh e dhan Chabhlach Mharsantach nuair a bha e 16 bliadhna agus thug sin dha an cothrom mòran dhùthchannan den t-saoghal fhaicinn. Bha Maoilios còrr air 26 bliadhna mus do dh'ionnsaich e sgrìobhadh ann an Gàidhlig (ged a bha e air làn chomais a bruidhinn 's a leughadh), agus bha e còrr is 30 bliadhna nuair a cheumnaich e à Oilthigh Dhùn Èideann is Colaiste Chnoc Iordain 's a chaidh e a theagaisg Gàidhlig. Bha e a' teagaisg ann an Àrd-sgoil Thobar Mhoire ann am Muile agus an uair sin ann an Geàrrloch.

Tha 6 leabhraichean den bhàrdachd aig Maoilios air fhoillseachadh: Eileanan (1980), Bailtean (1987), A' Càradh an Rathaid (1988), A' Gabhail Ris (1994), Saoghal Ùr (2002) agus am fear as ùire, Breac a' Mhuiltein (2007), cruinneachadh den bhàrdachd aige bho 1974, le eadar-theangachadh gu Gaeilge na h-Èireann.

A bharrachd air bàrdachd, tha Maoilios cuideachd aithnichte airson a bhith a' sgrìobhadh rosg agus nobhailean do chlann agus deugairean, nam measg Clann a' Phroifeasair (1988) agus Iain agus na Drogaichean (1993).

Tha e air iomadh duais a chosnadh airson sgrìobhadh, agus tha aithne air a chuid sgrìobhaidhean gu h-eadar-nàiseanta agus ann an Alba. Choisinn e Crùn a' Chomuinn Ghàidhealaich ann an 2002 agus 's e Sgrìobhadair Ionad Nàiseanta na Gàidhlig agus a Cultair, Sabhal Mòr Ostaig, airson a' bhliadhna 2008.

Leig Maoilios dheth a dhreuchd gu h-oifigeil ann an 2005 ach bidh e fhathast a' sgrìobhadh 's a' teagaisg. Tha e an-diugh a' fuireach san Eilean Sgitheanach.

Mòrag NicLeòid

Mòrag NicLeòid Chan eil seinneadair 's iongantach aig a bheil ùidh ann an òrain Ghàidhlig nach eil eòlach air an ainm aig Mòrag NicLeòid à Scalpaigh na Hearadh.

Rugadh i air 12 Dàmhair, 1936, agus chaidh i don sgoil ann an Scalpaigh mus deach i do dh'Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis. Ged a cheumnaich i à Oilthigh Dhùn Èideann ann an 1963, agus ged a fhuair i teisteanas airson teagasg Gàidhlig agus Bun-sgoil à Colaisde Chnoc Iòrdan, 's e an obair anns an robh i an sàs fad iomadh bliadhna ann an Sgoil Eòlais na h-Alba a dh'fhàg i cho fìor fhiosrach mu òrain, mu eachdraidh agus mu dhualchas.

Fhuair i a' chiad obair anns an Sgoil ann an 1962 agus a bharrachd air naoi mìosan ann an 1974/75 a' teagasg an Colaisde Chnoc Iòrdan agus trì bliadhna ag obair aig Pròiseact Coimhearsnachd Van Leer anns na h-Eileanan an Iar, sin far an robh i gus na leig i dhith a dreuchd.

Rinn Mòrag mòran airson fiosrachadh mu òrain agus mu dhualchas a sgaoileadh gu daoine taobh a-muigh an oilthigh, tro bhith a' teagasg aig sgoiltean samhraidh agus aig deireadh sheachdainean ann an iomadh àite. 'S iomadh òraid a rinn i aig Mòdan agus Fèisean agus tha artaigilean leatha rin lorg ann an leabhraichean agus irisean.

Cha ghabh inneas a dhèanamh air an iomadh seòrsa taic a thug i do sheinneadairean thairis air iomadh bliadhna - nam biodh iad airson òran ionnsachadh, pàirt a ghabhail ann am farpais, no clàr a dhèanamh.

Ged a tha i air a dreuchd san Sgoil a leigeil dhith, chan eil i na tàmh. Tha i air ais a' fuireach ann an Scalpaigh agus gu mòr an lùib coimhearsnachd an eilein.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.