Suas dha na Speuran!
Siubhail tro na speuran gus stòiridhean, òrain agus geamannan do chlann eadar 5-7 a lorg.
Stòiridh 1 - Fon Mhuir (Under the Sea)
Leugh an stòiridh agus faigh a-mach dè a thachras nuair a thèid buidheann de dh'èisg air turas gu saoghal mhìorbhaileach fon mhuir? Tha na h-èisg bheaga a' dol air seachran bhom pàrantan agus a' rannsachadh long-bhriste. Air an t-slighe, tha iad a' coinneachadh ri iasg taibhseil, càirdeil nach gabh fhaicinn ach le clann a-mhàin.
Briathrachas:
| Ceistean agus Freagairtean | ||
| Cò thu? | Who are you? | |
| Is mise ... | I'm ... | |
| Càite a bheil ...? | Where is ...? | |
| Càite a bheil am bàta? | Where is the boat? | |
| Seo ... | Here's ... / This is ... | |
| Seo mi | Here I am | |
| Òrduighean | ||
| Thugainn | Come | |
| Èist | Listen | |
| Abairtean cumanta | ||
| Cha tig | No thanks | |
| Glè mhath | No problem | |
| Àlainn! | Lovely! | |
| Mìorbhaileach! | Wonderful! | |
Tha ceithir roghainnean aig sgoilearan:
• Coimhead an stòiridh
Coimhead an stòiridh le no as aonais teacsa.
• Leugh an stòiridh
Leugh an stòiridh aig astar a tha freagarrach dhut fhèin. Cliog air an t-saighead nuair a tha thu deiseil airson gluasad chun an ath dhuilleag.
• Sgrìobh stòiridh
Sgrìobh agus cuir dealbhan ri do stòiridh fhèin mu na caractaran agus na suidheachaidhean bhon stòiridh a leugh thu.
• Geama
Lorg pìosan gach bàta fon chorail 's fon fheamainn agus an uair sin coinnich ri na caractaran.
An toiseach, cliog air agus cuir ri chèile trì pìosan de bhàta sònraichte. Bidh bàta diofraichte a' nochdadh gach uair a thèid an geama a chluich. An uair sin, nochdaidh na caractaran a-rithist agus innsidh iad cò iad, me "Is mise Anndra." Bu chòir do sgoilearan cliogadh air a' charactar cheart nuair a thèid ceist fhaighneachd dhaibh, me "Càite a bheil Anndra?" An dèidh na caractaran air fad a lorg, gabhaidh am bàta a pheantadh agus a chlò-bhualadh.
Stòiridh 2 - A' Chraobh Bheag Fhuar (The Chilly Little Tree)
Tha craobh-phailm òg air a thoirt a dh'Alba an aghaidh a thoil. Tha aige ri a charaidean fhàgail fad' air falbh na dhùthaich ghrianach fhèin. Tha an droch aimsir ga dhèanamh tùrsach, ach nuair a thilleas a' ghrian as t-samhradh, tha e cho dòigheil ri bròg!
| Briathrachas: | ||
| Dè seòrsa latha a th' ann? | What's the weather like? | |
| Tha i grianach/gaothach/fuar/ag uisge/a' cur an t-sneachda | It's sunny/windy/cold/raining/ snowing | |
| Is toigh leam a' ghrian/an t-uisge/an sneachda/a' ghaoth | I like the sun/rain/snow/wind | |
| Cha toigh leam an t-uisge/a' ghaoth/an sneachda | I don't like the rain/wind/snow | |
| Tha mi ag iarraidh a dhol dhachaigh | I want to go home | |
| Chan eil mi ag iarraidh a dhol dhachaigh | I don't want to go home | |
| Madainn mhath | Good morning | |
| Sgoinneil | Great | |
| Glè mhath | Very good | |
| Tha mi toilichte an seo | I'm happy here | |
Tha ceithir roghainnean aig sgoilearan:
• Coimhead an stòiridh
Coimhead an stòiridh le no as aonais teacsa.
• Leugh an stòiridh
Leugh an stòiridh aig astar a tha freagarrach dhut fhèin. Cliog air an t-saighead nuair a tha thu deiseil airson an ath dhuilleag a leughadh.
• Sgrìobh stòiridh
Sgrìobh agus cur dealbhan ri do stòiridh fhèin mu na caractaran agus na suidheachaidhean bhon stòiridh a leugh thu.
• Cuir dealbhan an òrdugh
Cuir dealbhan bhon stòiridh dhan òrdugh cheart.
Stòiridh 3 - Burraidhean (Bullies)
Tha an stòiridh seo a' dèiligeadh ri burraidheachd agus a' toirt cothrom do sgoilearan aon a-mach à dà dheireadh a thaghadh. 'S e burraidhean na sgoile a th' ann an Calum, Cailean agus Ceit, agus tha an stòiridh a' toirt iomradh air dè a tha iadsan ris. Leugh an stòiridh agus tagh dè an deireadh as fheàrr leat fhèin.
Briathrachas:
| Beannachdan | ||
| Madainn mhath | Good Morning | |
| Faireachdainnean | ||
| Ciamar a tha thu? | How are you? | |
| Tha mi sgìth | I'm tired | |
| Tha mi tinn | I'm awful | |
| Feumalachdan | ||
| Am faigh mi ..? | May I have..? | |
| Gheibh/Chan fhaigh | Yes you may/No you may not | |
| Tha mi ag iarraidh | I want | |
| Òrduighean | ||
| Fosgail am baga | Open the bag | |
| Greas ort | Hurry up | |
| Thugainn | Come on | |
| Abairtean | ||
| Mo chreach! | Goodness gracious! | |
| O ghia! | Yuck! | |
| Tha sin tàmailteach | What a pity | |
Tha dà roghainn aig sgoilearan:
• Coimhead an stòiridh
Coimhead an stòiridh le no as aonais teacsa.
• Leugh an stòiridh
Leugh an stòiridh aig astar a tha freagarrach dhut fhèin. Cliog air an t-saighead nuair a tha thu deiseil airson an ath dhuilleag a leughadh.