Suas dha na Speuran!
Siubhail tro na speuran gus stòiridhean, òrain agus geamannan do chlann eadar 5-7 a lorg.
Òran 1 - Còmhlan Ceòlmhor, Còmhlan Grinn (We're a Fantastic Band)
Seinn an t-òran tarraingeach seo cuide ris a' chòmhlan de dh'uilebheistean agus innsidh Mìg, Mòg, Màg, Lurag agus Làrag dhut cò iad agus ciamar a tha iad a' faireachdainn.
Cliog air a' phutan "Atharraich an t-òran" air an làimh dheis dhen sgrion gus a dhol fon àrd-ùrlar. Innsidh na h-uilebheistean mar a tha iad a' faireachdainn agus feumaidh sgoilearan an clogaid ceart a thaghadh dhaibh. Thèid faclan an òrain atharrachadh a rèir mar a tha gach fear de na h-uilebheistean a' faireachdainn. Bidh na faclan ri fhaicinn aig bonn na sgrion agus gabhaidh iad an clò-bhualadh.
Faodaidh sgoilearan feuchainn air a' phàirt aig aon dhe na h-uilebheistean a sheinn, no fiù 's seinn còmhla ris a' chòmhlan air fad.
| Briathrachas: | ||
| Còmhlan ceòlmhor | Tuneful band | |
| Còmhlan grinn | Fine band | |
| Èistibh rinn | Listen to us | |
| Madainn mhath | Good morning | |
| Halò | Hi | |
| Chan eil ro mhath | Not too well | |
| Ciamar a tha thu? | How are you? | |
| Dìreach sgoinneil / Math gu leòr | Fantastic / OK | |
| Tha mise sgìth / tinn | I'm tired / awful | |
Òran 2 - Is Toigh Leam Rap! (I like rap!)
Tha cothrom aig sgoilearan feuchainn air rapadh cuide ri Màg, Mòg, Mìg, Lurag agus Làrag, agus cuimhnich gum feuch sibh air na gnìomhan. Èist gu faiceallach gus na faclan leis an aon fhuaimneachadh a chluinntinn (faclan a' crìochnachadh le -io agus -adh).
Cliog air a' phutan "Atharraich an t-òran" air an làimh dheis dhen sgrion gus a dhol fon àrd-ùrlar. An sin, an dèidh do Mhàg innse dè is toigh leis a bhith a' dèanamh, feumaidh sgoilearan an uidheamachd cheart a thaghadh dha. Atharraichidh faclan an òrain a rèir de an t-uidheamachd a dh'iarr Màg. Bidh na faclan ri fhaicinn aig bonn na sgrion agus gabhaidh iad an clò-bhualadh.
Faodaidh sgoilearan feuchainn air a' phàirt aig aon dhe na h-uilebheistean a sheinn, no fiù 's seinn còmhla ris a' chòmhlan air fad. Faodar cuideachd geama mìm a chluiche, a' cleachdadh na gnìomhairean a tha nochdadh san rap.
| Briathrachas: | ||
| Is toigh leam | I like | |
| rap | to rap | |
| crathadh | to shake | |
| leum | to jump | |
| sgiobadh | to skip | |
| snàmh | to swim | |
| spèileadh | to skate | |
| sreap | to climb | |
| cluich leis a io-io | to play with a yo-yo | |
Òran 3 - Am Faod Mi Ceòl a Chluich? (Can I Be in the Band?)
Danns agus seinn còmhla ri Mòg, Màg, Lurag agus Làrag 's iad uile airson a bhith nam pàirt de chòmhlan Mhìg. Èist ris an t-òran agus faigh a-mach cò a tha airson an tambuirìn, giotàr, druma agus am piàna a chluich.
Cliog air a' phutan "Atharraich an t-òran" air an làimh dheis dhen sgrion gus a dhol fon àrd-ùrlar. An sin, feumaidh sgoilearan na h-ionnsramaidean ceart a thaghadh dha na h-uilebheistean. Atharraichidh faclan an òrain a rèir dè na h-ionnsramaidean a tha gach uilebheist a' cluich.
Leasaich do sgilean ann an dannsa-diosgo le bhith a' seinn 's a' cleasachd còmhla ris a' chòmhlan. Nach seinn sibh e do chàirdean 's do charaidean! Bidh na faclan ri fhaicinn aig bonn na sgrion agus gabhaidh iad an clò-bhualadh.
| Briathrachas: | ||
| Am faigh mi an/am ... mas e do thoil e? | May I have the ... please? | |
| Gheibh | Yes, you may | |
| Seo dhut e | Here you are | |
| Am faod mi ...? | May I be ...? | |
| Aon, dhà, tri agus ... | One, two, three and ... | |