Brìgh nam Facal
Tagh na facail a th' air an comharrachadh airson mìneachadh fhaighinn
An Suaithneas Bàn
- Soraidh bhuan don t-Suaithneas Bhàn,
- Gu Là Luain cha ghluais on bhàs;
- Ghlac an uaigh an Suaithneas Bàn –
- Is leacanfuaraidhtuaim a thàmh.
- Air bhith dhòmhsa triall thar druim
- Air Didòmhnaich 's còmhlan leam,
- Leughas litir naidheachd leinn,
- 'S cha sgeul ait a thachair innt'.
- Albainn àrsaidh, 's fathann bròin
- Gach aon mhuir-bhàtht' tha bàrcadh oirnn,
- T' oighre rìoghail bhith san Ròimh,
- Tirte an caol-chist'lìomhta bhòrd.
- 'S trom leam m' osnaich anns gach là,
- 'S tric mo smuaintean fad' o làimh;
- Cluain an domhain, truagh an dàil,
- Gur cobhartach gach feòil don bhàs.
- Tha mo chrìdh' gu briste, fann,
- 'S deòir mo shùl a' ruith mar allt;
- Ge do cheilinn siud air àm,
- Bhrùchd e mach 's cha mhiste leam.
- Bha mi seal am barail chruaidh
- Gun cluinnte caismeachd mun cuairt,
- Cabhlach Theàrlaich thighinn air chuan,
- Ach thrèig an dàil mi gu Là Luain.
- 'S lìonmhor laoch is curaidh treun
- Tha 'n diugh an Albainn às do dhèidh,
- Iad os n ìosal sileadh dheur,
- A rachadh dian leat anns an t-streup.
- 'S gur neo-shubhach, dubhach, sgìth
- Do threudionmhainn anns gach tìr,
- Buidheann mheanmnach bu ghargstrì,
- Ullamh, arm-chleasach san t strì.
- Nis cromaidh na cruitearan binn
- Am barraibh dhosfo sprochd an cinn,
- Gach beò bhiodh ann an srath no 'm beinn
- A' caoidh an co-dhosgainn leinn.
- Tha gach beinn, gach cnoc, 's gach sliabh
- Air am faca sinn thu triall
- Nis air call an dreach 's am fiamh,
- O nach tig thu chaoidh nan cian.
- Bha 'n t-àl òg nach fhac' thu riamh
- Ag altram gràidh dhut agus miadh,
- Ach thuit an cridhe nis nan cliabh
- On a chaidil thu gu sìor.
- Ach biodh ar n-ùrnaigh moch gach là
- Ris an Tì as àird' atà
- Gun E dhìoladh oirnn gu bràth
- Ar n-eucoir air an t-Suaithneas Bhàn.
- Ach 's eagal leam, ge maith a' chlèir,
- 'S gach sonas gheallar dhuinn lem beul,
- Gum faicear sinn a' sileadh dheur
- A chionn an t-Suaithneis Bhàin a thrèig.
- Cuireamaid soraidh uainn gu rèidh
- Leis na dh'imicheas an cèin
- Dh'ionnsaigh 'n àit' 'n a laigh an reul
- Dh'fhògradh uainn gach gruaim is neul.
- Is biomaid toilichte leis na tha,
- O nach fhaod sinn bhith nas feàrr;
- Cha bhi ar cuairt an seo ach geàrr,
- Is leanaidh sinn an Suaithneas Ban.
- Soraidh bhuan don t-Suaithneas Bhàn,
- Gu Là Luain cha ghluais on bhàs;
- Ghlac an uaigh an Suaithneas Bàn –
- Is leacan fuaraidh tuaim a thàmh.
An Suaithneas Bàn
Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.
