Brìgh nam Facal
Tagh na facail a th' air an comharrachadh airson mìneachadh fhaighinn
Òran Cumhaidh
- Ge fada na mo thàmh mi,
- Tha 'n dàmhair dhomh dùsgadh –
- Cia fàth mun thriall mo mhànran,
- 'S gum b' àbhaist dhomh sùgradh?
- Carson a bhithinn brònach
- Mun òigh 's gun a diù dhomh,
- Ged ghlac i 'n luib a gràidh mi
- Le àmhailtean Chiùpaid.
- Gach fear a bhios a' feòraich
- Mar leònadh le gaol mi,
- Tha roghainn siud don tuataidh,
- On 's dual da bhith smaointinn;
- Chan aidich mi ach fòil e,
- 'S cha mhò nì mi saoradh –
- Thig m' ùr-sgeul bho Apòllo,
- Mar sheolas an Naoinear.
- Ach siud mar sheinneadh Cormac,
- 'S e dearmad a cheud ghaoil,
- 'S e gabhail cruit da ionnsaigh
- Le inneal-ciùil da gleusadh;
- On chuir Finne 'n diù-chall
- Mo shùgradh 's mo bheusan,
- Gum bàth mi 'n guth an orghain
- Le torghan mo spèis dhi.
- Nuair dh'èirich Cailean Cormac
- Air chorra-ghleus gu fàrsan,
- Gun d' fheòraich am fear òg
- An e gòraich' a dh'fhàs ann,
- "'S a liuthad cailin beul-dhearg
- Cho beusach 's cho nàrach
- Is Finne th' air an fhèill
- A tha feumach air mànran."
- Gur binne leam do chòmhradh
- Na smeòrach nan geugan,
- No cuach sa mhadainn Mhàighe,
- 'S na clàrsach nan teudan,
- Na 'n t-Easbaig air Là Dòmhnaich
- 'S am mòr-shluagh ga èisteachd,
- No ge do chunnte stòras
- Na h-Eòrpa gu lèir dhomh.
- Carson nach d' rugadh dall mi,
- Gun chainnt no gun lèirsinn,
- Mus facas t' aghaidh bhaindidh
- Rinn aimhleas nan ceudan?
- On chunna mi air thùs thu,
- Bu chliùiteach do bheusan -
- Chan fhasa leam na 'm bàs
- A bhith 'n làthair às t' eugmhais!
- Ach 's truagh gum beil do rùn-sa
- Cho dùr dha mo leanmhainn,
- 'S mo chridhe steach ga ghiùlan
- A h-uile taobh dham falbh mi:
- An cadal domh no dùsgadh,
- A' sùgradh no seanchas,
- Tha siud dam ruagadh daonnan,
- 'S mi sgaoilte gun tearmann!
- Ach fàgaidh mi mo dhuthaich,
- Gun diùchnaich mi pàirt dheth,
- Ro-mheud 's a thug mi rùn
- Dha do chùl buidhe fàinneach;
- Air triall dhomh thar m' èolais
- A dh'ain deòin mo chàirdean,
- Tha saighead air mo ghiùlan
- A lùbas gu làr mi!
- 'S a nise bhon a thriall thu
- 'S nach b' fhiach leat mo mhànran,
- A chionn 's nach robh mi stòrasach,
- Mòr ann an stàta -
- Ach siud ged robh dam dhìth sa,
- Chan ìslich mi pàirtean -
- Tha m' aigne torrach, fìorghlan,
- Nach dìobair gu bràth mi.
- Ach mas triall gun dàil dut
- Gu àite nam mòr-sheòl,
- Gun fhuireach ri do chàirdean,
- Do dhàimh no luchd t' eòlais,
- Biodh soireann air na speuran,
- Gun èirigh air mòr-thonn,
- A dh'aisigeas le rèidh-ghaoith
- Gun bheud thu gu seòlaid.
Òran Cumhaidh
Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.
