20mh linn / Somhairle MacGill-Eain

Bàrdachd - Calbharaigh

Dàn 4

Bha dragh mòr air MacGill-eain mu chor nan daoine bochda ann am bailtean mòra na h-Alba. Bha e dhen bheachd nach robh an eaglais gu mòran feum anns an t-suidheachadh seo. 'S e poilitigs a chuireadh seo ceart, chan e creideamh, na bheachd-san.


Tha e a' glacadh ar n-aire gu sgileil aig an toiseach le bhith a' ràdh gu bheil e cur a chùl ri Calbharaigh agus Betlehem, prìomh làraich creideimh Chrìosda.


Tha e a' cumail ar n-aire le bhith a' cur dà eisimpleir de bhochdainn far comhair ris an gabh sinn truas an àite a bhith ag iarraidh oirnn smaoineachadh air bochdainn anns an fharsaingeachd.


Tha an dàn goirid, sìmplidh ach tha MacGill-eain a' cur a theachdaireachd an cèill gu soilleir agus gu làidir. 'S e sin gum bu chòir dhuinn a bhith a' cuideachadh nam bochd nar latha agus nar dùthaich fhèin - is e sin an creideamh aigesan.


Calbharaigh

  • Chan eil mo shùil air Calbharaigh
  • no air Betlehem an àigh
  • ach air cùil ghrod an Glaschu
  • far bheil an lobhadh fàis,
  • agus air seòmar an Dùn Èideann,
  • seòmar bochdainn 's cràidh,
  • far a bheil an naoidhean creuchdach
  • ri aonagraich gu bhàs.

Calbharaigh

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Am bàrd ag aithris Calbharaigh

Somhairle MacGill-Eain ag aithris an dàn, Calbharaigh.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Somhairle MacGill-Eain

Air adhart gu

Beachdan

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.