20mh linn / Somhairle MacGill-Eain

Bàrdachd - An Roghainn

Dàn 2

Tha buaidh nan seann bhàrd Bheurla, na 'Metaphysicals', ri fhaicinn san dàn seo. Tha mòran den bhàrdachd gaoil aca mu mar a tha reusan agus faireachdainn a' strì ri chèile anns a' ghaol. An seo tha MacGill-Eain a' bruidhinn air a thuigse, no a reusan, mar gum b' e neach eile a bha an seo a tha faisge air ach aig an aon àm air leth bhuaithe agus ag argamaid ris.


Tha a reusan a' cuimhneachadh dha gu bheil a leannan a' dol a phòsadh. Tha a chridhe 'ag èirigh na bhroilleach reubte luath' nuair a chluinneas e seo ach tha a reusan a' cur stad air.


Chan urrainn dhasan dùil a bhith aige ri deagh fhortan agus gràdh, tha a reusan a' ràdh ris, on a thagh e beatha shocair, shàbhailte dha fhèin an àite a dhol a shabaid ann an Cogadh Sìobhalta na Spàinn, mar a rinn mòran de sgrìobhaichean aig an àm ud. Cha leig a leas sùil a bhith aige ri duais cho iongantach ri 'beithir-theine', no dealanach, a' ghaoil. Tha e a' crìochnachadh le ràdh gun tagh e an t-slighe dhoirbh ma gheibh e an cothrom a-rithist – bheir e leum dhan dorchadas, gun fhios dè a thig às.


Tha MacGill-Eain a' cleachdadh ruitheam traidiseanta an seo ach ann an dòigh cho sùbailte is gu bheil a' chiad cheithir rannan a' ruith cho siùbhlach ri còmhradh. Tha e a' cleachdadh ìomhaighean gu sgileil, gu h-àraidh an 'rionnag leugach òir' air nach ruig e on a tha e ro ghealtach, no ro 'chiallach'. 'S dòcha gun tàinig an ìomhaigh seo bhon dàn gaoil aig John Donne, 'Go and catch a falling star'.


An Roghainn

  • Choisich mi cuide ri mo thuigse
  • a muigh ri taobh a' chuain;
  • bha sinn còmhla ach bha ise
  • a' fuireach tiotan bhuam.
  • An sin thionndaidh i ag ràdha:
  • a bheil e fìor gun cual'
  • thu gu bheil do ghaol geal àlainn
  • a' pòsadh tràth Diluain?
  • Bhac mi 'n cridhe bha 'g èirigh
  • 'nam bhroilleach reubte luath
  • is thubhairt mi: tha mi cinnteach;
  • carson bu bhreug e bhuam?
  • Ciamar a smaoinichinn gun glacainn
  • an rionnag leugach òir,
  • gun beirinn oirre 's gun cuirinn i
  • gu ciallach 'na mo phòc?
  • Cha d' ghabh mise bàs croinn-ceusaidh
  • an èiginn chruaidh na Spàinn
  • is ciamar sin bhiodh dùil agam
  • ri aon duais ùir an dàin?
  • Cha do lean mi ach an t-slighe chrìon
  • bheag ìosal thioram thlàth,
  • is ciamar sin a choinnichinn
  • ri beithir-theine ghràidh?
  • Ach nan robh 'n roghainn rithist dhomh
  • 's mi 'm sheasamh air an àird,
  • leumainn à nèamh no iutharna
  • le spiorad 's cridhe slàn.

An Roghainn

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Am bàrd ag aithris Calbharaigh

Somhairle MacGill-Eain ag aithris an dàn, Calbharaigh.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Somhairle MacGill-Eain

Air adhart gu

Beachdan

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.