Brìgh nam Facal
Tagh na facail a th' air an comharrachadh airson mìneachadh fhaighinn
Laoidh na Maidne
- Taing dhuit, a Dhia, chionn do ghibhtean,
- On a tha mi nis air dùsgadh;
- Thug do ghràs dhomh tàmh is cadal,
- 'S inntrig sa mhadainn às ùr orm.
- Fadaidh teine do ghràidh am chridhe;
- Sguabamaid a-rithis an fhàrdach:
- 'S math bu chòir an taigh a rèiteach
- Am bi Mac Dhè a' gabhail tàmha.
- Sguabamaid a-mach luath a' pheacaidh,
- 'S na stadadh i air ar n-ùrlar;
- Eagal gun las i ar n-òtrach,
- Bàthamaid le deòir ar sùl i.
- Fuadaicheamaid uainn a-mach
- A' bhèist air a bheil na seachd cinn,
- A shluigeas sinn uile na craos
- Mas urra i dh'fhaotainn orra gill.
- Uabhar, sannt, drùis is craos,
- Leisg, farmad agus fearg -
- Sin na cinn a th' air a' bhèist
- Bhios gach aon là sa bheinn a' sealg.
- Tàirnidh i faghaid mun cuairt duinn
- Mur robh ar buachaillean glic;
- 'S gun dèan sinn dan comhairlean feum,
- Marbhaidh sinn i fhèin 's a sliochd.
- Ach saighead a chur na ceann-aghaidh
- Bhith leanailteach air na h-àithntean,
- Bhith dol gu tric air ar n-ùrnaigh,
- 'S a' Chreud a shlànadh gar pàistean.
- Saighead a chur ann a cridhe
- Ar cainnt a bhith dligheildearbhtach;
- Dh'aon nì gum faic no gun cluinn sinn,
- Cuireamaid cùl ri bhith feargach.
- Saighead a chur ann a beul
- Ar cainnt a bhith cèillidh glic,
- Ar deòir a bhith air ar sùilean,
- 'S dol air ar n-ùrnaigh gu tric.
- Saighead a chur ann a casan
- A bhith leanailt nan ceart cheuman
- Gu imeachd an dèidh ar Slànaigheir
- Air a' bhàir a rinn E fhèin duinn.
- Saighead a chur ann a gàirdein
- Gun do làmh gu meàirl' a shìneadh;
- Ma bhios uireasbhaidh no càs ort,
- A shireadh air càch gu sìobhalt'.
Laoidh na Maidne
Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.
