Sgrùdadh Litreachais
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd
Alasdair à Gleanna Garadh
- Alasdair à Gleanna Garadh,
- Thug thu 'n-diugh gal air mo shùilibh;
- 'S beag iongnadh mi bhith fo chreuchdaibh,
- 'S gur tric gan reubadh às ùr iad;
- 'S beag iongnadh mi bhith trom-osnach,
- 'S meud an dosgaidh th' air mo chàirdibh;
- Gur tric an t-eug uainn a' gearradh
- Rogha nan darag as àirde.
- Chaill sinn ionann agus còmhla
- Sir Dòmhnall 's a mhac 's a bhràthair;
- Ciod e 'n stàth dhuinn bhith gan gearan?
- Thuit Mac Mhic Ailein sa bhlàr uainn;
- Chaill sinn darag làidir liath-ghlas
- A chumadh dìon air ar càirdean,
- Capall-coille bhàrr na giùthsaich,
- Seobhag sùil-ghorm lùthmhor làidir.
- Bu tu ceann air cèill 's air comhairl'
- Anns gach gnothach am biodh cùram,
- Aghaidh shoilleir sholta thlachdmhor,
- Cridhe fial farsaing mun chùinneadh;
- Bu tu roghainn nan sàr-ghaisgeach,
- Ar guala thaice, 's tu b' fhiùghail;
- Leòmhann smiorail fearail feumail,
- Ceann feachda chaill Seumas Stiùbhart.
- Nam b' ionann duitse 's do Dhòmhnall
- An uair a chuir e 'n long air muir,
- Cha tigeadh tu dhachaigh gu bràth
- Gun fhios dè 'm fàth às 'n do chuir;
- Nuair a chunnacas air an tràigh sibh
- A bhith gur fàgail air faondradh,
- Thuit ar cridheachan fo mhulad:
- 'S lèir a bhuil – cha robh sibh saogh'lach.
- Bu tu 'n lasair dhearg gan losgadh,
- Bu tu sgoltadh iad gu 'n sàiltibh,
- Bu tu curaidh cur a' chatha,
- Bu tu 'n laoch gun athadh làimhe;
- Bu tu 'm bradan anns an fhìor-uisg',
- Fìreun air an eunlaith 's àirde,
- Bu tu 'n leòmhann thar gach beathach,
- Bu tu damh leathann na cràice.
- Bu tu 'n loch nach fhaodt' a thaomadh,
- Bu tu tobar faoilidh na slàinte,
- Bu tu Beinn Nibheis thar gach aonach,
- Bu tu chreag nach fhaodt' a theàrnadh;
- Bu tu clach uachdair a' chaisteil,
- Bu tu leac leathann na sràide,
- Bu tu leug lòghmhor nam buadhan,
- Bu tu clach uasal an fhàinne.
- Bu tu 'n t-iubhar thar gach coillidh,
- Bu tu 'n darach daingeann làidir,
- Bu tu 'n cuileann 's bu tu 'n draigheann,
- Bu tu 'n t-abhall molach, blàthmhor;
- Cha robh do dhàimh ris a' chritheann
- No do dhligheadh ris an fheàrna;
- Cha robh bheag annad den leamhan;
- Bu tu leannan nam bàn àlainn.
- Bu tu cèile na mnà prìseil,
- 'S oil leam fhèin da dìth an-dràst' thu;
- Ged nach ionann dòmhsa 's dhìse,
- 'S goirt a fhuair mise mo chàradh;
- H-uile bean a bhios gun chèile,
- Guidheadh i Mac Dè na àite,
- O 's E urra bhith ga còmhnadh
- Anns gach bròn a chuireas càs oirr'.
- Guidheam t' anam a bhith sàbhailt'
- On a chàireadh anns an ùir thu;
- Guidheam sonas air na dh'fhàg thu
- Ann ad àros 's ann ad dhùthaich;
- Gum faic mi do mhac ad àite
- Ann an saidhbhreas 's ann an cùram:
- Alasdair à Gleanna Garadh,
- Thug thu 'n-diugh gal air mo shùilibh.
Alasdair à Gleanna Garadh
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd
