Brìgh nam Facal
Tagh na facail a th' air an comharrachadh airson mìneachadh fhaighinn
Òran na Clèire
- Fhuair sinn fir mar luchd-prèisgidh
- Tha oil-bheumach nan cleachdadh,
- 'S nach eil crìoch ac' nios àirde
- Na uiread chràbhaidh 's a phasas;
- On tha 'n teagasg neo-spèiseil,
- Chaill luchd-èisteachd gach feart orr',
- 'S e meas ministear sgìreachd
- A bhith na Chrìosdaidh mar fhasan.
- Falbh nan cuideachd 's nan còmhradh,
- Is gheibh thu mòran dan phac ud
- Dhèanadh ceannaich' no seòldair,
- Dhèanadh dròbhair no factoir,
- Dhèanadh tuathanach sunndach,
- Dhèanadh stiùbhard neo-chaithteach,
- 'S mach on chèard air 'n do mhionnaich iad,
- Tha na h-uile nì gast' ac'.
- Chan ann leamsa as iongnadh
- Ged robh lìonmhorachd mhòr ann,
- 'S e na bhacadh nan cuideachd
- Gu bhith 'g aidmheil na còrach;
- Ged nach eil e mar leisgeul
- Dhuinn droch eisimpleir òlaich,
- Cò a dh'itheadh gu sunndach
- Am biadh a dhiùltadh an còcair?
- Ach mur eil eisimpleir agaibh,
- Chan eil bhur teagasg ra chunntadh
- Ach mar neach a' toirt comhairl'
- Is coma 'gabhail na diùltadh;
- Nuair a theagasg ar Slànaighear
- Gaol bràth'reil bhith aon-fhillt',
- Gu dhìlseachd fèin dhuinn a dhearbhadh,
- Rinn e 'shearbhantanionnlad.
- Tha fear teagaisg a' sìneadh
- Airson glìob agus stìopain,
- Mar leisg' leanaibh gu cràbhadh
- A bhios a phàrant a' grìosadh;
- Ach mun cailleadh e 'bhraiceas,
- Gu cur casg air a chìocras,
- Their e 'n t-altachadh aithghearr
- An lag-fhocalaibh ìosal.
- Ach ma ghabhas sinn beachd orr'
- Do rèir an cleachdaidhean sanntach,
- 'S ann tha tomalt luchd-teagaisg
- A thachair againn san àm seo
- Mar tha sligean na caislinn
- Bhithear a' cosnadh san t-samhradh:
- Gheibh thu fichead dhiubh falamh
- Mun aon sam bi neamhnaid.
- Gheibhear fear dhiubh, Là Sàbaid,
- Their gur Slànaighear Crìosd dhuinn,
- 'S their e seachdain on là sin
- Nach eil stàth ach an gnìomhraibh;
- Bheir e iteagan àrda
- 'S nì e màgaran ìosal,
- 'S o nach eun e 's nach luchag,
- Nì e trustar de dh'ialtag.
- 'S ann tha 'n tomalt an còmhnaidh
- A' cur an clò do na daoinibh
- Gur fear-millidh tha fialaidh
- Is gur diadhair a chaomhnas;
- Tha iad uile ro dheònach
- Air Maighstir Seòras a dhìteadh:
- Tha e ciontach an sgapadh –
- Sin am peacadh nach caomh leo.
- Ma bheir thu aire don eunlaith
- Dol nam pàidhrichibh cuideachd,
- Nì iad nid anns an fhàsach,,
- 'S leughar gràdh ann an oibhribh;
- Nuair tha duine gun reusan
- A' cur a chèile gu h-udal,
- Nach labhrach eunlaith an adhair
- A' cur na h-aithis air Fudaidh.
- Ach cuime 'm bithinn-se dh'easbhaidh
- Aon nì 'm-feast bhiodh a dh'fheum orm?
- Gheibh mi 'n Ruibigillmodhalachd,
- Is gheibh 'm Mealainisreusan;
- Airson sùgraidh is cobhair,
- Gheibh mi 'n Sgobhairidh fèin iad,
- 'S mur eil uam ach an gionach,
- Gheibh mi 'm mionach na Clèir' e.
Òran na Clèire
Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.
