Brìgh nam Facal
Tagh na facail a th' air an comharrachadh airson mìneachadh fhaighinn
Marbhrann do Iain Mac Eachainn
- Iain Mhic Eachainn, on dh'eug thu,
- Càit an tèid sinn do dh'fhaotainn
- Duine sheasas nad fhine
- An rathad tionail no sgaoilidh?
- 'S nì tha cinnt' gur beart chunnairt
- Nach dèan duine tha aost' e,
- 'S ged a bheirt' den àl òg e,
- 'S tearc tha beò duine chì e.
- Dearbh, cha b' ionann do bheatha
- 'S do fhir tha fathast an caomhnadh
- Thionail airgead is fearann
- 'S bidh buidheann eile gan sgaoileadh,
- Bhitheas fèin air an gearradh
- Gun ghuth an caraid gan caoineadh,
- Air nach ruig dad de mholadh
- Ach "Seall sibh fearann a shaor iad!"
- Tha iad laghail gu lit'reil
- Is tha iad nan deibhtearan geura,
- Is iad a' pàigheadh gu moltach
- Na bhios ac' air a chèile;
- Ach an còrr, thèid a thasgaidh,
- Gur cruaidh a cheiltinn on fhèile,
- Is tha an sporan 's an sùilean
- Cheart cho dùint' air an fheumnach.
- Leis an leth-onair riataich s'
- Tha na ceudan diubh faomadh
- Leis an fheàrr bhith am fiachan
- Fad' aig Dia na aig daoinibh,
- Thig fo chall air nach beir iad:
- 'S e ceann mu dheireadh an dìtidh
- "Cuim' nach tug sibh don bhochd
- Am biadh, an deoch is an t-aodach?"
- Ach nam b' urrainn mi, dhùraichdinn
- Do chliù-s' chur an òrdugh
- Ann an litrichibh soilleir
- Air chor 's gum beir na daoin' òg air,
- Oir tha t' iomradh-s' cho feumail
- Don neach a thèid ann ad ròidibh
- 'S a bha do chuid, fhad 's bu mhaireann,
- Don neach bu ghlainne an stòras.
- ***
- Fhir nach d' ith mìr le taitneas
- Nam b' eòl duit acrach san t-saoghal;
- Fhir a chitheadh am feumnach
- Gun an èigh aig' a chluinntinn;
- B' fheàrr leat punnd de do chuid uait
- Na unnsa cudthruim air d' inntinn;
- Thilg thu t' aran air uisgeach'
- 'S gheibh do shliochd iomadh-fillt' e.
- ***
- Chì mi 'n ceòl-fhear gun mheas air,
- Call a ghibht do chion cleachdaimh;
- Chì mi feumnach na comhairl'
- A' call a ghnothaich 's a thapadh.
- Nam biodh aire agam fhiarachd
- Ciod e 's ciall don mhòr-acainn s',
- 'S e their iad uile gu lèir rium,
- "Och, nach d' eug Iain Mac Eachainn."
- ***
- 'S tric le marbhrannan moltach
- A bhios cleachdach sna dùthchaibh s'
- Gum bi coimeasgadh masgaill
- Tighinn a steach annt' na dhriùchdan;
- Ach ged bhithinn-s' air mo mhionnan
- Don Tì tha cumail nan dùl rium,
- Cha do luaidh mi mun duine s'
- Ach buaidh a chunnaic mo shùil air.
Marbhrann do Iain Mac Eachainn
Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.
