Marbhrann do Chloinn Fhir Taigh Ruspainn
- Nan laighe 'n seo gu h-ìosal
- Far na thiodhlaic sinn an triùir
- Bha fallain, làidir, inntinneach
- Nuair dh'inntrig a' Bhliadhn' Ùr;
- Cha deachaidh seachad fathast
- Ach deich latha dhith o thùs;
- Ciod fhios nach tig an teachdair' s' oirnn
- Nas braise na ar dùil?
- Am bliadhna thìm bha dithis diubh
- Air tighinn on aon bhroinn,
- Bha iad nan dà chomarad
- O choinnich iad nan cloinn;
- Cha d' bhris an t-aog an comann ud,
- Ged bu chomasach dha 'n roinn,
- Ach gheàrr e snàthainn na beatha s' ac'
- Gun dàil ach latha 's oidhch'.
- Aon duine 's bean on tàinig iad,
- Na bràithrean seo a chuaidh;
- Bha an aon bheatha thìmeil ac'
- 'S bha 'n aodach dan aon chluaimh;
- Mun aon uair a bhàsaich iad,
- 'S bha 'n nàdar dan aon bhuaidh;
- Chaidh 'n aon siubhal dhaoine leo
- 'S chaidh 'n sìneadh san aon uaigh.
- Daoine nach d' rinn briseadh iad
- 'S e fiosrachail do chàch,
- 'S cha mhò a rinn iad aon dad
- Ris an can an saoghal gràs,
- Ach ghineadh iad, is rugadh iad,
- Is thogadh iad, is dh'fhàs;
- Chaidh stràc dan t-saoghal thairis orr',
- 'S mu dheireadh fhuair iad bàs.
- Nach eil an guth seo labhrach
- Ris gach aon neach againn beò,
- Gu h-àraidh ris na seann daoinibh
- Nach d' ionnsaich an staid phòst',
- Nach gabh na tha na dhleastanas
- A dheasachadh an lòn,
- Ach caomhnadh nì gu falair dhaibh
- 'S a' falach an cuid òir?
- Cha chaith iad fèin na rinn iad,
- Agus oighreachan cha dèan,
- Ach ulaidhnean air shliabh ac'
- Bhios a' biathadh chon is eun.
- Tha iad fon aon dìteadh
- Fo nach robh 's nach bi mi fhèin,
- Gur duirche, taisgte 'n t-òr ac'
- Na nuair bha e 'n tòs sa mhèinn.
- Freastal glic an Àrd Rìgh:
- Dh'fhàg e pàirt de bhuidheann gann,
- Gu feuchainn iochd is oileanachd
- Dan dream dan tug e meall.
- Carson nach tugtadh pòrsan
- Dhen cuid stòrais aig gach àm
- Do bhochdannaibh a dheònaicheadh
- An còrr a chur na cheann?
- An dèidh na rinn mi rùsgadh dhuibh –
- Tha dùil agam gun lochd –
- 'S a liuthad focal fìrinneach
- A dhìrich mi nur n-uchd,
- Tha eagal orm nach èist sibh
- Gu bhith feumail don a' bhochd
- Nas mò na rinn na fleasgaich ud
- A sheachdain gus a-nochd.
Marbhrann do Chloinn Fhir Taigh Ruspainn
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd
