Brìgh nam Facal
Tagh na facail a th' air an comharrachadh airson mìneachadh fhaighinn
A' Bhean Agam Fhìn
- A fhleasgaich tha tathaich
- Air srathan is glinn,
- A' mealladh nan caileag
- 'S a' farraid am prìs,
- Ma dh'fhànas tu tamall,
- Ged tha mi car sgìth,
- Gun toir mi dhut ealain
- Mun bhean agam fhìn.
- An oidhche bha banais
- An taigh Choinnich Dhuinn
- A chunnaic mi chaileag
- Bha ceanalta grinn,
- A dhannsadh cho loinneil
- 'S a sheinneadh cho binn,
- 'S bha mise mu coinneamh
- A' togail an fhuinn.
- Bha gruaidh mar na ròsan
- Cho bòidheach 's cho mìn,
- 'S a cuailean cho clannach
- Na charan mun chìr,
- 'S bha mise fom anail
- A' cantainn rium fhìn,
- 'S e aingeal air thalamh
- Tha 'n Anna NicCuinn.
- Nuair fhuair mi a mach i
- Ri fasgadh an tuim,
- Bha solas na gealaich
- Cho glan os ar cinn,
- Gun tug mi dhi gealladh,
- Mur rachainn don chill,
- Gum biodh i fo Challainn
- Na bean agam fhìn.
- Is chùm mi mo ghealladh
- Ri Anna NicCuinn:
- Mun tàinig a' Challainn
- Bha ise na mnaoi;
- 'S chan eil i cho maiseach
- No idir cho binn
- 'S a bha i mum choinneamh
- An taigh Choinnich Dhuinn!
- 'N àm èirigh sa mhadainn
- Tha Anna cho tinn,
- Cha ghluais i à leabaidh
- Gu 'm faigh i cuid tì;
- 'N sin suidhidh i tacan
- A' tachas a cinn,
- 'S ma chanas mi facal,
- Tha 'm bata mum dhruim.
- Bha mhadainn gu feasgar
- Cha deasaich i nì,
- Bho dhoras gu doras
- Ri conas is strì;
- Ma tha i na h-aingeal,
- 'S ann air an taobh chlì,
- 'S tha fhios aig a' bhaile
- Nach math leatha sìth.
- Ma labhras mi duineil
- Ga cumail fo chìs,
- Chan eil annam ach 'burraidh'
- Is 'duine gun bhrìgh';
- Mu choinneamh gach facail
- Tha aicese trì –
- Chan eil fàilinn san teangaidh
- Aig a' bhean agam fhìn.
- An dè bha i carraid
- Ri bean Iain 'IcAoidh,
- 'S thug Anna dhe mullach
- An currac le sgrìob;
- Tha plàigh na mo thalla -
- Ach chan abair mi bìd,
- 'S cha chòir dhomh bhith gearan
- Mun bhean agam fhìn.
- Ach bheirinn mar earail
- Air balaich na tìr',
- Ma bhios iad aig banais
- Is drama nan cinn,
- Na tugadh iad gealladh
- Do chaileig a chaoidh
- Gun fhios no gun aithne
- Cò as, no cò i.
A' Bhean Agam Fhìn
Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.
