Brìgh nam Facal
Tagh na facail a th' air an comharrachadh airson mìneachadh fhaighinn
An Gleann san Robh Mi Òg
- Nuair philleas rinn an samhradh,
- Bidh gach doire 's crann fo chròic,
- Na h-eòin air bhàrr nam meanglan
- Dèanamh caithreim bhinn len ceòl;
- A' chlann bheag a' ruith le fonn
- Mu gach tom a' buain nan ròs –
- B' e mo mhiann a bhith san àm sin
- Anns a' ghleann san robh mi òg.
- Anns a' ghleann san robh mi òg,
- Anns a' ghleann san robh mi òg;
- B' e mo mhiann a bhith san àm sin
- Anns a' ghleann san robh mi òg.
- Sa mhadainn 'n àm dhuinn dùsgadh,
- Bhiodh an driùchd air bhàrr an fheòir,
- A' chuthag is gug-gùg aic'
- Ann an doire dlùth nan cnò;
- Na laoigh òg' a' leum le sunnd
- 'S a' cur smùid air feadh nan lòn:
- Ach chan fhaicear sin san àm seo
- Anns a' ghleann san robh mi òg.
- 'N àm an cruinneachadh don bhuailidh
- B' e mo luaidh a bhith nan còir;
- Bhiodh a duanag aig gach guanaig
- Agus cuach aice na dòrn;
- Bhiodh Mac-Talla freagairt shuas,
- E ri aithris fuaim a beòil;
- Ach cha chluinnear sin san àm seo
- Anns a' ghleann san robh mi òg.
- Ann an Dùbhlachd gharbh a' gheamhraidh
- Cha b' e àm bu ghainn' ar spòrs;
- Greis air sùgradh, greis air dannsa,
- Greis air canntaireachd is ceòl;
- Bhiodh gach seanair aosmhor, liath
- 'G innse sgeulachdan ghò
- Air gach gaisgeach fearail, greannmhor
- Bha sa ghleann nuair bha mi òg.
- Bha de shòlas dhe gach seòrs' ann
- Chumadh òigridh ann am fonn;
- Cha robh uisge, muir no mòinteach
- Air an còmhdach bho ar bonn;
- Ach an-diugh tha maor is lann
- Air gach alltan agus òb;
- Chan eil saorsa sruth nam beanntan
- Anns a' ghleann san robh mi òg.
- Tha na fàrdaichean nam fàsach
- Far an d' àraicheadh na seòid,
- Far 'm bu chridheil fuaim an gàire,
- Far 'm bu chàirdeil iad mun bhòrd,
- Far am faigheadh coigreach bàidh
- Agus ànrach bochd a lòn;
- Ach chan fhaigh iad sin sam àm seo
- Anns a' ghleann san robh mi òg.
An Gleann san Robh Mi Òg
Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.
