Sgrùdadh Litreachais
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd
Fàilte don Eilean Sgitheanach
- O, failt' air do stùcan,
- Do choireachan ùdlaidh,
- Do bheanntainean sùghmhor
- Far an siùbhlach am meann!
- Tha 'n geamhradh le Dhùbhlachd
- Mu na meallaibh a' dùnadh,
- 'S gach doire le bhùirean
- Air a rùsgadh gu bonn.
- Chì mi an Cuilitheann
- Mar leòmhann gun tioma,
- Le fheusaig den t-sneachd
- Air a phasgadh mu cheann;
- 'S a ghruaidhean a' srùthladh
- Le easannan smùideach
- Tha tuiteam nan lùban
- Gu ùrlar nan gleann.
- Do chreagan gu h-uaibhreach
- Mar challaid mun cuairt dut,
- 'S na neòil air an iomairt
- A' filleadh mum bàrr,
- 'S am bonn air a sguabadh
- Le srùthlaichean gruamach
- Bho bhàrcadh a' chuain
- A' toirt nuallain air tràigh.
- O, càit 'eil na gaisgich
- A dh'àraich do ghlacan
- Bu shuilbhire macnas
- Mu stacan a' cheò?
- Le fùdar ga sgailceadh
- Bhon cuilbhearan glana,
- 'S na mial-choin nan deannaibh,
- Nach fannaich san tòir.
- Na laoich nach robh meata
- Ri aodann a' bhatail,
- Nach aomadh gu taise
- Ri caismeachd an nàmh;
- Chan eil raon agus machair
- Air 'n do sgaoil iad am bratach
- Nach d' fhàg iad an eachdraidh
- Gun mhasladh dan àl.
- Ach tha 'm fàrdaichean sguabte
- 'S an seòmraichean uaine,
- Iad fhèin is an gaisge
- Nan cadal fon fhòd;
- 'S tha osag nam fuar-bheann
- Le h-osnaidhean gruamach
- Gan caoidh mu na cruachan
- 'S a' luaidh air an glòir.
- O, càit 'eil gach sòlas
- Bha agam nam òige,
- Toirt meal' às na ròsan
- Mud chòsagan tlàth?
- Tha companaich m' eòlais
- Air am fuadach bhon còmhnaidh,
- Tha mhil air a deòthal
- 'S na ròsan gun bhlàth.
- Ach 's caomh leam do ghleanntan,
- Do shrathan 's do bheanntan,
- 'S an ceò tha na chadal
- Air baideal nan àrd;
- Na ciabhagan torrach,
- Na srònagan corrach,
- 'S na sruthan ri coireal
- Don eilid 's da h-àl.
- Guma buan a bhios d' eachdraidh,
- Agus cliù aig do mhacaibh,
- Gus an crìonar an talamh
- 'S am paisgear na neòil!
- Fhad 's bhios siaban na mara
- A' bualadh air carraig,
- Bidh mo dhùrachd gun deireas
- Do dh'Eilean a' Cheò!
Fàilte don Eilean Sgitheanach
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd
