Brìgh nam Facal
Tagh na facail a th' air an comharrachadh airson mìneachadh fhaighinn
Naoi Ceud Deug 's a Ceithir Deug
- Nuair bhiodh òganaich cruinn,
- Dhèanta grìosach bhuntàt':
- "Siùdaibh, seasaibh," siud chluinnt'
- "Ach am faic sinn eil àird'
- A' mhailisidh nis oirnn,
- 'S gu Fort Dheòrs' thèid ma tha –
- A mhailisidh an rìgh."
- Ghabh mo ghràdh-sa Dimàirt
- Do mhailisidh Fort Dheòrs':
- Fèileadh-beag 's seacaid bhàn
- Air bidh 'n àit' 'pheitein mhòir,
- 'S briogais thartain glan gheàrrt'
- Air an àit' na tè chlò
- Am mailisidh an rìgh.
- "Cha bhi uat mi ach ràith,"
- Thuirt e 'n sgath bhlàth na cruaich;
- "Bidh mi còmh' riut, a ghràidh,
- Mun tig càch às a' Bhruaich;
- 'S dòch' gu feuch mi mo làmh
- Ann an gàrraidhean Chluaidh
- Ma bhios rigears gan dith."
- Sheòl i, Sìle nan stuagh,
- 'S mòran sluaigh innt' air bòrd,
- Cuid gu iasgach na Bruaich
- 'S tuath gu Sealtainn nan òb;
- 'S cuid a' falbh, mar mo luaidh,
- A' chiad uair gu Fort Dheòrs'
- A mhailisidh an rìgh.
- Fhuair mi dhealbh an cèis dhùint'
- 'S chroch sa chùlaist le uaill,
- Agus litir ag inns,
- "Tha gach nì dhomh cho nuadh.
- Moch gar dùsgadh bidh phìob
- Nuair as fìor throm ar suain
- Am mailisidh an rìgh.
- "On tha 'n cosnadh car gann,"
- Thuirt e rium, "dhomh as fheàrr
- Ghallaibh dhol nuair bhios m' àm
- Anns a' champa seo 'n àird,
- Agus gabhail aig na Goill
- Na mo chuibhlear am bàt' –
- Seadh, ma ghabhas iad mi."
- Naoi Ceud Deug 's Ceithir Deug,
- Tighinn fo dhias nuair bha 'n t eòrn',
- Caismeachd airm chualas cian:
- Geilt is fiamh chuir e oirnn.
- Teachd tha stoirm, dhubh e ghrian,
- Mar bheul-oidhch' rinn tràth-nòin
- 'S e ri fògradh ar sìth.
- Bhris an stoirm 's an fhuil dhòirt
- 'S air an Eòrpa rinn tigh'nn;
- Tuil fhuil dhearg nam fear òg –
- Seadh, fir òg nan ciabh mìn;
- Thraogh is thràigh chun an fheòir
- Fuil an cuislean 's an crìdh',
- Dh'fhuaraich, reoth 's chaill a clì.
- Cuig' a riamh ghabh mo ghràdh
- Tastan eàrlais an rìgh?
- 'S gann gun bhris fo làn-bhlàth
- 'S bha sa bhlàr na thosd sìnt':
- Air a' bhuaidh 's daor a phàigh
- Le fuil bhlàth dhearg a chrìdh' –
- 'S daor thu, bhuaidh, daor do phrìs.
- Thuit blàth-bhraon air an raon
- 'S nigh aog-aodann nan òg;
- Shèid a' chaomh-osag chaoin
- Orr' is thiormaich is phòg,
- 'S i ri osnaich os cionn
- Oigfhir ghrinn an fhuilt òir –
- O mhailisidh mo chrìdh'!
- Colla, Fionnlagh is Dòmh'll,
- Ruairidh òg is Iain Bàn,
- Aonghas, Ùisdean 's Niall Mòr –
- Chòrr cha shloinn mi am dhàn:
- 'N dè nam balachain san dròbh,
- 'N diugh gun deò anns an àr –
- O mhailisidh mo chrìdh'!
- Tha chruach mhònach na luath',
- Theich am fuachd, thill am blàths;
- Thill luchd-cutaidh na Bruaich;
- 'S fhada, buan leam tha 'n ràith
- Gheall mo ghràdh bhiodh e bhuam
- Aig a' chruaich 'n oidhch' a dh'fhàg –
- O mhailisidh mo chrìdh'!
- Chaidh na geòidh tarsainn tuath,
- Thug na geòidh mach an àil,
- Thill gu deas mar as dual,
- Àrd len àil air an sàil;
- Ach cha phill e, mo luaidh,
- Ach nam bhruadar a mhàin –
- O mhailisidh mo chrìdh'!
Naoi Ceud Deug 's a Ceithir Deug
Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.
