Brìgh nam Facal
Tagh na facail a th' air an comharrachadh airson mìneachadh fhaighinn
Raoir Reubadh an Iolaire
- 'S binn sheinn i, a' chailin,
- A raoir ann an Leòdhas,
- I fuineadh an arain
- Le cridhe làn sòlais
- Air choinneamh a leanainn
- Tha tighinn air fòrlach:
- Tighinn dhachaigh thuic tèaraint',
- Fear a gràidh.
- Tha 'n cogadh nis thairis,
- 'S a' bhuaidh leis na fiùrain
- Tha nochd ri tigh'nn dhachaigh;
- Tha 'n Iolaire gan giùlain.
- Chuir mòine mun tein' i
- 'S an coire le bùrn air:
- Ghràidh, chadal cha tèidear
- Gus an lò.
- Bidh iadsan ri 'g aithris
- 'S bidh sinne ri 'g èisteachd
- Ri euchdanaibh bhalaich
- Na mara 's an fhèilidh;
- 'S na treun fhir a chailleadh,
- A thuit is nach èirich –
- O liuth'd fear deas, dìreach
- Chaidh gu làr!
- Cluinn osnaich na gaoithe!
- O, cluinn oirre sèideadh!
- 'S ràn buairte na doimhne –
- O, 's mairg tha, mo chreubhag,
- Aig muir leis an oidhch' seo
- Cath ri muir beucach:
- Sgaoil, Iolair, do sgiathaibh
- 'S greas lem ghràdh.
- Ri 'g èirigh tha 'n latha
- 'S ri tuiteam tha dòchas;
- Air an t-slabhraidh tha 'n coire
- Ri pìobaireachd brònach;
- Sguir i dhol chun an dorais
- 'S air an teine chuir mòine;
- Cluinn cruaidh-fhead na gaoithe
- A' caoidh, a' caoidh.
- Goirt ghuil i, a' chailin,
- Moch madainn a màireach
- Nuair fhuair i san fheamainn
- A leannan 's e bàthte,
- Gun bhrògan mu chasan
- Mar chaidh air an t snàmh e;
- 'N sin chrom agus phòg i
- A bhilean fuar.
Raoir Reubadh an Iolaire
Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.
