Sgrùdadh Litreachais
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd
Cànan nan Gàidheal
- Cha b' e sneachda 's an reothadh o thuath,
- Cha b' e 'n crannadh geur fuar on ear,
- Cha b' e 'n t uisge 's an gailleann on iar,
- Ach an galair a bhlian on deas
- Blàth, duilleach, stoc agus freumh
- Cànan mo thrèibh 's mo shluaigh.
- Sèist
- Thig, thugainn, thig còmh' rium gu siar
- Gus an cluinn sinn ann cànan na Fèinn;
- Thig, thugainn, thig còmh' rium gu siar
- Gus an cluinn sinn ann cànan nan Gàidh'l.
- "Fair a nuas dhuinn na coinnlearan òir
- 'S annt' càiribh na coinnlean geal cèir,
- Lasaibh suas iad an seòmar a' bhròin
- 'N taigh-fhaire seann chànan a' Ghàidh'l – "
- 'S e siud o chionn fhad' thuirt an nàmh,
- Ach fhathast tha beò cànan nan treun.
- Ged theich i le beath' às na glinn,
- Ged 's gann i 'n diugh chluinntear nas mò
- O Dhùthaich MhicAoidh fada tuath
- Gu 'n ruig thu Druim Uachdair nam bò,
- Ach thugainn, thig còmh' rium gu siar:
- 'S i fhathast ann ciad chainnt an t-slòigh.
- Tha na suinn lem bu bhinne bha t' fhuaim
- Nad ghlinn, thìr nam fuar-bheannaibh àrd,
- Air an druim anns na h-uaighean nan suain;
- Suas air èirigh, mo thruaighe, nan àit',
- Eadhon siar ann an Dùthaich MhicLeòid,
- Linn òg ort, a Ghàidhlig, rinn tàir'.
- 'S iomadh gille thug greis air a' chuibhl'
- San dubh-oidhch' thog fonn Gàidhlig a chrìdh',
- 'S iomadh gaisgeach a bhrosnaich sa bhlàr
- Gu euchd nuair bu teotha bha 'n t-strì –
- O Ghàidheil, O, càit an deach d' uaill
- Nad fhine 's do chànan 's do thìr?
- Ged nach cluinntear nas mò i san dùn
- No 'n talla nan cliar is nan corn,
- Ged tha meòir Chloinn 'IcCriomain gun lùths
- On tric feasgar ciùin a dhòirt ceòl,
- Gidheadh, anns na h-Eileanan Siar,
- Ball' dìon gheibh thu, Ghàidhlig, 's do chòir.
- Uair chìte fear-fèilidh sa ghleann,
- Bu chinnteach gur Gàidhlig a chainnt,
- Ach chaochlaidh i, dùthaich nam beann:
- 'N àite Gàidhlig cluinn cànan a' Ghoill –
- Chan e 'n dùthaich a bh' ann a ta ann:
- 'N diugh dùthaich nan Colonels ta innt'.
- O chànain ta leth ri mo chrìdh',
- M' àran, m' annlan is m' anail 's mo smior,
- 'S tu cho aost' ri fraoch dosrach nam frìth,
- Shloinneadh òg leat beinn, leitir is sgurr:
- Gàidheil gad easbhaidh 's gad dhìth
- Clàrsach aon-theud, is cuislean gun fhuil.
- Suas togamaid Gàidhealtachd nuadh
- Le eanchainn, braon-gruaidh agus dòirn,
- Gàidhealtachd às 'n dèanar uaill,
- Ait' àrd, uasal aig cànan is ceòl
- 'S biadh beathail aig spiorad is brù
- Ri fhaotainn a ghnàth air do bhòrd.
Cànan nan Gàidheal
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd

