Brìgh nam Facal
Tagh na facail a th' air an comharrachadh airson mìneachadh fhaighinn
An Lìon
- 'S e lìon a th' annam.
- Tilg mi dhan doimhneachd
- far am mi gu seòlta
- ri iasg a thoirt dhachaigh.
- Foighidneach ri tràighean,
- tha an t-iasgair 's an lìon nan aon.
- Chan eil nì cho sìmplidh –
- ann am mì-rian na mara
- bidh mi a' feitheamh, dìreach a' feitheamh,
- agus thig iad mu dheireadh
- cho cinnteach ri coibhneas
- a-mach às an dorchadas.
- Chaidh m' fhighe de ghràdh 's de dh'fhuath,
- de dh'fhulangas 's de chruas
- ann am mogal nam bliadhnaichean,
- gus na chaill mi slighe na snàthaid
- agus ioma-dhèantachd na làimhe.
- Tha gu leòr a-nis
- gu bheil mi dèanta,
- gu bheil mi anns an t-sruth, a' feitheamh.
- Feumaidh iasgair ithe.
An Lìon
Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.
