Brìgh nam Facal
Tagh na facail a th' air an comharrachadh airson mìneachadh fhaighinn
Glaschu
- An uair a bha mi nam leanabh
- cha chreidinn gun caochaileadh
- mo mhàthair aon latha.
- Bha mi dìreach ga àicheadh
- gu tur.
- Uaireannan dheigheadh i a Ghlaschu –
- airs bith cà robh Glaschu –
- agus thilleadh i.
- Sin e, nuair a chaochaileadh i,
- bhitheadh i ann an Glaschu.
- Cha robh mi air tiodhlacadh fhaicinn.
- 'S ged a tha a-nis,
- tha Glaschu fhathast
- air oir mo smuain.
- Tha e doirbh fàs mòr.
Glaschu
Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.
