Brìgh nam Facal
Tagh na facail a th' air an comharrachadh airson mìneachadh fhaighinn
Ùrnaigh Iain Ruaidh
- Aig taobh sruthain na shuidhe 's e sgìth
- Tha 'n Crìosdaidh bochd, Iain Ruadh,
- Na cheatharnach fhathast gun sìth,
- 'S a chas air tuisleadh san tìm gu truagh.
- Ma thig Duibhnich no Cataich am dhàil
- Mun slànaich mo luigheannan truagh',
- Ged thig iad cho tric is as àill,
- Cha chuir iad orm làmh le luaths.
- Nì mi 'n ubhaidh rinn Peadar do Phàl
- Is a luighean air fàs-leum bruaich:
- Seachd paidir 'n ainm sagairt is Pàp'
- Ga chur ris na phlàst mun cuairt.
- Ubhaidh eile às leth Muire nan Gràs
- 'S urrainn creideach dhèanamh slàn ri h-uair:
- Tha mise am chreideamh gun teagamh gun dàil
- Gun toir sinn air ar nàimhdean buaidh.
- Sgeul eile 's gur h-oil leam gur fìor
- Tha an-dràst' anns gach tìr mun cuairt:
- Gach fear gleusta bha feumail don Rìgh
- Bhith ga ruith feadh gach frìth air ruaig.
- Bodaich dhona gun onair gun bhrìgh,
- Ach gionach gu nì airson duais,
- Gabhail fàth oirnn 's gach àit' anns am bi –
- Cuir a' chuibhle seo, Chrìosd, mun cuairt.
- Ma thionndas i deiseil an dràst'
- 'S gum faigh Frangaich am Flànras buaidh,
- Tha m' earbs' às an targanachd bha
- Gun tig armailt nì stàth dhuinn thar chuain.
- Gun toir Fortan dha dìdean le gràs,
- Mar Mhaois nuair a thràigh a' Mhuir Ruadh,
- 'S gum bi Deòrsa le dhrealairibh bàtht'
- Mar bha 'n t-amadan Phàraoh 's a shluagh.
- Nuair bha Iosarail sgìth san staid ghràis,
- Rinneadh Sàul an là sin na rìgh –
- Thug e sgiùrsadh le miosgainn is plàigh
- Orra fhèin, air an àl 's air an nì.
- Is amhail bha Breatann fo bhròn
- On a thrèig iad a' chòir is an rìgh;
- Ghabh Flaitheas rinn corraich ro mhòr –
- Crom an Donais! Chaidh 'n seòrsa an diasg.
- A Rìgh shocraich Muire nan Gràs,
- Crom riumsa le bàidh do chluas,
- 'S mi 'g ùmhladh lem ghlùn air an làr –
- Gabh achanaichàraidh bhuam.
- Chan eil sinn a' sireadh ach còir
- Thug Cuigs' agus Deòrsa bhuainn;
- Rèir do cheartais thoir neart dhuinn is treòir,
- Is cùm sinn o fhòirneart sluaigh.
Ùrnaigh Iain Ruaidh
Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.
