18mh linn / Iain Ruadh Stiùbhart

Bàrdachd - Òran Eile air Latha Chùil Lodair

Dàn 2

Tha Iain Ruadh Stiùbhart an dà chuid a' cur a bhròin phearsanta fhèin an cèill an seo agus a' cur an-aghaidh an t-suidheachaidh phoilitigich a tha ann a-nise far a bheil "oighre dligheach a' chrùin" gun chòirichean agus "clann dìolain" na àite. Tha an dà iall sin a' ruith tron dàn air fad.


Chuir call a' bhatail, a rèir choltais, tàmailt mhòr air Iain Ruadh mar shaighdear proifeiseanta agus tha e an seo a' toirt adhbharan, no 'leisgeulan', air a shon: an aimsir, na cinnidhean a bhith air sgapadh agus an ceannard a bhith cealgach (rud nach robh).


Tha liosta thraidiseanta de na fineachan agus cuid de na daoine fa leth a dh'fhuiling anns a' bhlàr ann am pàirt air leth tiamhaidh den òran: a-rithist tha seo a' gabhail a-steach sealladh poilitigeach (tha am blàr air gnè na Gàidhealtachd atharrachadh gu bràth) agus pearsanta – dh'aithnicheadh am bàrd na daoine seo.


Tha a' mheadrachd strophe – trì loidhnichean dhen aon sheòrsa le aon ghoirid às an dèidh – agus na fuaimean fada, trom a' fàgail an dàin seo fìor dhrùidhteach, gu h-àraidh nuair a tha e air a sheinn san t-seann nòs.


Òran Eile air Latha Chùil Lodair

  • Dh'fhalbh gach toileachadh uam,
  • Sheac le mulad mo ghruaidh,
  • Is nach cluinn mi san uair sgeul èibhinn.
  • Mu Phrionns' Teàrlach mo rùn,
  • Oighre dligheach a' chrùin,
  • 'S e gun fhios ciod an tùbh a thèid e.
  • Cha b' e 'n cruadal mar laoich
  • Thug dhaibh buaidh air an fhraoch
  • Ach gach tubaist a dh'aom mur trèin-ne.
  • Bha iad iomadaidh uainn
  • De gach fine mu thuath,
  • Fir nach tilleadh ri h-uair an fheuma.
  • Feachd chòig brataichean sròil
  • Bu mhaith chuireadh an lò
  • Bhith gar dìth anns a' chòmhdhail chreuchdaich.
  • Iarla Chrombaidh le shlògh
  • Agus Barasdal òg,
  • Is MacFhionghain le sheòid nach gèilleadh.
  • Is Clann Mhuirich nam buadh:
  • Iadsan uile bha uainn –
  • 'S e sin m' iomadan truagh ra leughadh.
  • A Chlann Dòmhnaill mo ghràidh,
  • Leam is cruaidh mar a bha,
  • Nach do bhrùchd sibh le càch don teugmhail.
  • Dh'fhàs an talamh cho trom,
  • Gach fraoch, fearann is fonn,
  • 'S nach bu chothrom dhuinn lom an t-slèibhe.
  • B' e sin an Seanalair mòr,
  • Gràin is mallachd an t-slòigh –
  • Reic e onair 's a' chòir le h-eucoir.
  • 'S ann a thionndaidh e chleòc
  • Airson an sporain bha mòr,
  • 'S rinn siud dolaidh do sheòid Rìgh Seumas.
  • Mo chreach uile 's mo bhròn
  • Na fir ghast' tha fo leòn,
  • Deagh Chlann Chatain nan sròl 's nan geur-lann.
  • Buidheann eile, mo chreach,
  • Fhuair an làimhseachadh gairt,
  • Sluagh an Fhrisealach ghasta, threubhaich.
  • Chaill sinn Dòmhnall donn, suairc'
  • O Dhùn Chrombaidh seo shuas,
  • Mar ri h-Alasdair Ruadh na fèile.
  • 'S ann thuit na rionnagan gast'
  • Bu mhaith àlainn an dreach,
  • 'S cha bu phàigheadh leinn màirt nan èirig.
  • Ach thig a' chuibhle mun cuairt
  • Car o dheas no o thuath,
  • 'S gheibh ar n-eascairdean duais an eucoir.
  • Guma lom bhios do leac,
  • Gun bhean, gun bhràthair, gun mhac,
  • Gun fhuaim clàrsaich, gun lasair chèire.
  • Gun sòlas, sonas no seanns,
  • Ach dòlas dona mud cheann,
  • Mar bh' air ginealach Chlann na h-Èipheit.
  • 'S chì sinn fhathast do cheann
  • Dol gun athadh ri crann,
  • 'S eòin an athair gu teann ga reubadh.

Òran Eile air Latha Chùil Lodair

Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.


The Adobe Flash player and Javascript are required in order to view a video which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Teacsa

Ag innse mu Ùrnaigh Iain Ruaidh

Ùrnaigh Iain Ruaidh, 's ann mu dheidhinn nuair a bha Iain Ruadh Stiùbhart a' teicheadh bho na saighdearan dearga a tha e. Agus thuit e, 's gortaich e a chas 's goth e a chas mar a tha aig cuid no thiachnaich e a chas agus bha e ri taobh t-sruthan agus bha e a' leigeil leis an uisge thairis air a chas, thairis air aobrann agus tha e a' guidhe ri Dia a chuideachadh gus nach fhaigh na saighdearan dearga greim air. Agus, tha e cuideachd ag iarraidh air Dia na Seumasaich a chuideachadh agus gun dèan iad a chùis air na Deorsaich air a' cheann thall. Agus tha e a' bruidhinn a-rithist anns a h-uile gin de na h-òrain mu dheidhinn Cùil Lodair agus mar a chaidh a dhèanamh as dèidh Chùil Lodair agus tha e a' bruidhinn mu cuibhle an fhortan agus fhathast tha dòchas aige gun dèanadh iad a' chùis 's a tha e ag ràdh gun tionndadh cuibhle an fhortan fhathast 's gu faigh na Frangaich buaidh ann an Flanrais agus aon uair 's gun dean iad sin thig iad le airm airson Na Seumasaich is Na Gàidheil a chuideachadh. Tha e a' sealltainn cuideachd anns an òran seo cho eòlach 's a bha e air a' bhìoball, tha e mìn-eòlaich air a' bhìoball, uabhasach eòlach air a' bhìoball, agus tha e cuideachd mìn eòlach air seann chleachdaidhean na Gàidheal. Tha e a' bruidhinn mu dheidhinn ùidh a chuir air a chois, air aobrann agus rann-arid a a bha iad air chleachdadh son rud a leigheis sna seann làithean.

Dàin Eile

Leugh dàin eile a sgrìobh Iain Ruadh Stiùbhart

Air adhart gu

Beachdan

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.