Sgrùdadh Litreachais
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd
Latha Chùil Lodair
- O, gur mòr mo chùis mhulaid,
- 'S mi ri caoineadh na guin atà 'm thìr;
- A Rìgh, bi làidir, 's tu 's urrainn
- Ar nàimhdean a chumail fo chìs!
- Oirnne 's làidir Diùc Uilleam,
- An rag-mhèirleach, tha guin aige dhuinn;
- B' e siud salchar nan sgeallag
- Tighinn an uachdar air chruithneachd an fhuinn.
- Mo chreach, Teàrlach Ruadh bòidheach
- Bhith fo bhinn aig Rìgh Deòrsa nam biast –
- B' e siud dìteadh na còrach,
- An Fhìrinn 's a beòil foidhpe sìos;
- Ach, a Rìgh, mas e 's deòin leat,
- Cuir an rìoghachd air seòl a chaidh dhinn,
- Cuir Rìgh dligheach na còrach
- Ri linn na tha beò os ar cinn.
- Mo chreach, armailt nam breacan
- Bhith air sgaoileadh 's air sgapadh 's gach àit'
- Aig fìor bhalgairean Shasainn,
- Nach do ghnàthaich bonn ceartais nan dàil;
- Ged a bhuannaich iad batal,
- Cha b' ann dan cruadal no 'n tapadh a bha
- Ach gaoth an iar agus frasan
- Thighinn a nìos oirnn bhàrr machair nan Gall.
- Is truagh nach robh sinn an Sasann,
- Gun bhith cho teann air ar dachaigh 's a bha,
- 'S cha do sgaoil sinn cho aithghearr –
- Bhiodh ar dìcheall ri seasamh na b' fheàrr;
- Ach 's droch dhraoidheachd is dreachdan
- Rinneadh dhuinne mun deachas nan dàil:
- Air na frìthean eòlach do sgap sinn,
- 'S bu mhì-chòmhdhail gun d' fhairtlich iad oirnn.
- Mo chreach mhòr! Na cuirp ghlè-gheal
- Tha nan laigh' air na slèibhtean ud thall,
- Gun chiste, gun lèintean,
- Gun adhlacadh fhèin anns na tuill;
- Chuid tha beò dhiubh 'n dèidh sgaoileadh
- 'S iad gam fògair le gaothan thar tuinn –
- Fhuair na Chuigs an toil fèin dinn,
- 'S cha chan iad ach 'reubaltaich' rinn.
- Fhuair na Goill sinn fon casan –
- 'S mòr an nàire 's am masladh siud leinn,
- An dèidh ar dùthaich 's ar n-àite
- A spùilleadh 's gun bhlàths againn ann;
- Caisteal Dhùinidh 'n dèidh a losgadh,
- 'S e na làraich lom, thostach gun mhiadh;
- Gum b' e 'n caochladh goirt e
- Gun do chaill sinn gach sochair a b' fhiach.
- Cha do shaoil leam, lem shùilean,
- Gum faicinn gach cùis mar a tha,
- Mar spùtadh nam Faoilleach
- 'N am na luibhean a sgaoileadh air blàr;
- Thug a' chuibhle car tionndaidh
- 'S tha iomadh fear gu h-aimcheart an càs –
- A Rìgh, seall le do choibhneas
- Air na fir th' aig na nàimhdean an sàs!
- Is mòr eucoir 'n luchd-òrduigh
- An fhuil ud a dhòrtadh le foill;
- Mo sheachd mallachd air Mhorair Deòrsa –
- Fhuair e 'n là ud air ordugh dha fèin;
- Bha 'n dà chuid air a mheòirean:
- Mar an gìogan gun tròcair le foill,
- Mheall e sinne le chomhradh,
- 'S gun robh ar barail ro mhòr air ra linn.
- Ach fhad 's as beò sinn rar latha,
- Bidh sinn caoidh na ceathairn' chaidh dhinn,
- Na fir threubhach bha sgairteil,
- Dhèanadh teugmhail le claidheamh 's le sgiath;
- Mur biodh siantan nar n-aghaidh,
- Bha sinn sìos air ar n-adhart gu dian,
- 'S bhiodh luchd-Beurla nan laighe
- Tòn air cheann – b' e siud m' aighear 's mo mhiann.
- Och nan och, 's mì fo sprochd
- 'S mì an dràsta ri h-osnaich leam fhìn,
- Ag amharc feachd an dubh-Rosaich
- 'G itheadh feur agus cruithneachd an fhuinn;
- Rothaich iargalt' is Cataich
- Tighinn a nall oirnn le luchd chasag is lann,
- Iad mar mhial-choin air acras
- Siubhal chrìochan, chàrn, chlach agus bheann.
- Mo chreach, tìr air an tàinig,
- Rinn sibh nis clàr rèidh dhith cho lom,
- Gun choirce gun ghnàiseach,
- Gun sìol taght' ann am fàsach no 'm fonn;
- Prìs na circ' air an spàrdan,
- Gu ruige na spàinean thoirt uainn,
- Ach sgrios na craoibhe fa blàth dhuibh,
- Air a crìonadh fa bàrr gus a bonn.
- Tha ar cinn fon a' choille,
- 'S èiginn beanntan is gleanntan thoirt oirnn,
- Sinn gun sùgradh, gun mhacnas,
- Gun èibhneas, gun aiteas, gun cheòl;
- Air bheag bìdh no teine
- Air na stùcan air 'n laigheadh an ceò,
- Sinn mar Chomhachaig eile
- Ag èisteachd ri deireas gach lò.
Latha Chùil Lodair
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd
