Brìgh nam Facal
Tagh na facail a th' air an comharrachadh airson mìneachadh fhaighinn
Òran an t-Seana Ghille
- A fhleasgaich gun chèill, gur beag a tha dh'fhios agad,
- A fhleasgaich gun chèill, nach tuigeadh tu chòir –
- Mur h-aithne dhut fhèin e, innsidh mise dhut
- Liuthad rud ceanalta dhèanadh bean òg.
- Ged bhiodh tu brònach 'n àm tighinn dhachaigh dhut,
- Thilgeadh bean òg dhìot eallach a' bhròin,
- 'S ged rachadh an saoghal truimeach air h-earrach ort,
- Gheibheadh tu cadal an achlais mnà òig.
- Dhèanadh i càrdadh, dhèanadh i calanas.
- Dh'fhuineadh i aran is bhleòghnadh i bò;
- Dhèanadh i èibhinn 'n àm dol a chadal thu –
- 'S iomadh rud beannaicht' bhiodh agaibh gu lò.
- Chuireadh i teaghlach brèagha mun teine dhut,
- 'S b' èibhinn an sealladh am faicinn mun bhòrd –
- Òganaich fhìorghlan sìor dhol am fearachas,
- Maighdeannan beadarrach, leadanach òg.
- Ged bhiodh fear-pòsta greis air an allaban,
- Nuair thig e dhachaigh bidh aitreabh air dòigh;
- Ach 's ann tha mo thruas ri fàrdach an t-seana-ghille –
- Bidh i gun teine, gun duine na còir.
- Chùireadh i fàilt' ort, chuireadh i furan ort,
- Dh'èisteadh tu mànran lurach a beòil;
- Bidh fear na mna òige gu sòlasach cuideachdail,
- Seann fhleasgach luideach na bhurraidh ri bheò.
- Nuair a bhios càch gu mànranach suigeartach,
- 'S ann a bhios tusa 's do dhuilgheadas mòr,
- Measg nan crann àrda 's blàth air na h-uile fear,
- Mar chraoibh air a h-uilinn, gun duilleach gun ròs.
- Fhleasgaich, 's ann shaoilinn gaol dhut na amaideas:
- Their thu, "Is daorsa bhith ceangailt ri òigh."
- Slabhraidh a' ghaoil, gur h-aotrom an t-eallach i -
- Freagraidh i 'n amhach nas maisich' na 'n t-òr.
- Nuair thig an aois chreubhach ort, trèigidh do mhisneach thu,
- Tuitidh do spiorad le cudrom a' bhròin;
- 'S nuair nì thu èirigh gu teanntainn ri gillealas,
- Caillidh na h-iosgaideangliogach an treòir.
- Sguiridh tu shuirghe; 's coma leat leannanachd;
- Leigidh tu d' phears' ann am fasan nach coir;
- 'S cha bhi càil èibhinn tuilleadh air thalamh a'd
- Ach leisg' agus cadal, tombac' agus òl.
- Nuair thig ort an aois gun duine nì d' anacladh,
- Searbhant' no sgalag chan fhaigh thu rid bheò;
- Feumaidh tu strìochdadh 's do chùisean thoirt thairis –
- 'S e airgead nan cailleach bhios agad fa-dheòidh.
Òran an t-Seana Ghille
Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.
