Brìgh nam Facal
Tagh na facail a th' air an comharrachadh airson mìneachadh fhaighinn
Òran Luchd an Spòrs
- Is muladach mise 's nach feud mi,
- Alba, cliù ceutach a luaidh ort;
- 'S grànda ri innse do bheusan,
- Bhuin thu cho neo-ghèitheil is suarach.
- Ged a bha sliochd agad sàr-ghrinn,
- Ochan, bu mhàthair gun truas thu:
- Thilg thu do chlann bhàrr do bhroillich,
- Gu rùm do na bodaich a thruaill thu.
- Bodaich a thruaill thu gu mòr,
- Bhon a bha 'm pòca làn òir:
- Roghnaich thu bodaich an airgid
- 'S chuir thu air falbh na fir chòir.
- Chuir thu air falbh na fir chòir –
- Righ! cha b' e chòir ach an eucoir;
- Eadar iad 's dùthaich an eòlais
- Tha fairgeachan mòra a' beucadh;
- Muinntir gud shaoradh bhon fhòirneart
- Rachadh gu deònach san t-streupa,
- Muinntir dol eadar thu 's toisgean
- Chuireadh 's a chosnadh an treun-chath.
- Muinntir gu tric anns na blàir
- Dhòirt an fhuil chraobhach gu làr,
- 'S leibideach phàigh thu an duais dhaibh –
- Dh'fhògair thu uat iad gu bràth.
- Cò nise thèid dàna nad adhbhar?
- Tha Gàidheil nan euchd air an ruagadh –
- Nam biodh iad an guaillibh a chèile,
- Cò ta fon ghrèin chuireadh ruaig orr'?
- Nise, on chuir thu air chèin iad,
- Cha 'dùthaich nan treun' à seo suas thu –
- Dùthaich nan ruinnsearan Sasannach,
- Dùthaich nam madradh 's nan ruadh-chearc.
- Nuair dh'èireas an cogadh 's an t-àr,
- 'S a thèid luchd nan gadhar gu blàr,
- 'S mòr m' eagal gun gèill iad sa chùis sin,
- Ged 's sgiobalt' a chiùrras iad geàrr.
- Tha Gàidheil a-nis air an sgiùrsadh
- Gun adhbhar à dùthaich an àraich,
- Peanas luchd-uilc ac' ga ghiùlan,
- Ged is ann cliùiteach a bha iad –
- Air seachran sna fàsaichean dorcha,
- Measg allmharach borba na fàs-choill,
- A' tilgeil an saighdean gu millteach,
- Gud chridhe le cinnt tha ro-bhàsmhor...
- Bha uair gum b' e aiteas cheann-feadhna
- Còmhnaidh nan daoine bhith teann orr' –
- B' ait leò bhith faicinn gach taobh dhiubh
- Fàrdaichean faoilte nan gleanntan;
- Thionndaidh na h-uile car claon oirnn,
- Thàinig oirnn caochladh on àm sin –
- Rinneadh ar gleannan fuar fàsail,
- Dh'fhairich sinn làmhan nan aintighearn'.
- Làmhan nan aintighearnan truagh'
- A chuir às am fearann an sluagh,
- Daormainn an ionad nan àrmann,
- A chinnich le fàrdaichean fuar'.
- Dh'fhalbh uainne na ceannardan uasal
- Anns an robh suairc' agus fìrinn;
- Thàinig nan àite luchd fuadain,
- Chuir iad don-bhuaidh air an tìr seo;
- Thàinig luchd-brachaidh an eòrna,
- Staillearan dòite nam pìoban,
- Rinn beairteas air creachadh luchd-pòite,
- A' cur an dubh-dhòlais air mìltean.
- Siud na garraich a tha
- An àite na muinntir a bha
- A' riaghladh air Gàidhealtachd Alba –
- Chan urrainn g' eil sealbh dhuinn an dàn.
- Bha cuid aca malairt an òpium;
- Thionail iad mòran de dh'iunntas;
- Dh'fhairich na Sìonaich an dò bheart,
- Sgrios iad na slòigh leis a' phuinnsean;
- Muinntir gun choibhneas gun tròcair
- Duilich an leòn anns a' chuinnseas -
- An èirig na rinn iad de robaireachd,
- Thoill iad an stobadh le cuinnsear.
- 'S cianail fear saidhbhir 's e baoth,
- Gun fhios de chàradh chloinn daoin',
- Ged chuireadh e mìltean gu truaighe,
- Gu mealtainn aon uair de spòrs caoithch.
- An tì sin a dh'atas mar uamh-bhiast,
- A' fàs suas an uabharrachd stòrais,
- 'S fìor chulaidh-eagail measg sluaigh e
- Mur bi a ghluasadan stòlda;
- Mar gharbh-lebhiàtan nan cuantan,
- 'S fìor chulaidh uabhais ri spòrs e;
- Faodaidh aon bhuille de eàrra
- Dochann is bàs thoirt air mòran.
- 'N Tì shocraich bun daingeann na talmhainn
- 'S a thug am muir gailbheach gu òrdugh,
- 'N Tì shuidhich bun daingeann nan àrd-bheann
- 'S a dh'àrdaich am bàrr gu na neòil orr',
- 'N Tì chuir ùir air an aigeal
- 'S a sgaoil brat maiseach an fheòir air,
- Nuair chunnaic e 'n domhan seo crìochnaicht',
- Dh'iarr gun lìonte le slòigh e.
- Èiridh fear-riaghlaidh nan dùl
- 'S tagraidh e fhathast a' chùis,
- 'S thèid uabhar luchd nan cairt odhar
- Le bruaich an t-sluic dhomhainn nam brùchd.
Òran Luchd an Spòrs
Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.
