Sgrùdadh Litreachais
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd
Spiorad a' Charthannais
- O Spioraid shoilleir shàr-mhaisich,
- A Spioraid ghràsmhoir chaoin
- Tha riaghladh anns an àros sin
- Tha uile làn de ghaol,
- Nan gabhamaid gu càirdeil riut,
- Gad fhàilteachadh gu caomh,
- 'S e siud a bheireadh àrdachadh
- Do nàdar chloinn nan daoin'.
- Nam b' eòl dhuinn thu nad mhaisealachd
- 'S nam b' aithne dhuinn do luach,
- 'S e siud a bheireadh inntinn dhuinn
- Os cionn an t-saoghail thruaigh;
- Gur sona iad fhuair eòlas ort,
- 'S len còmhnaich thu gu buan –
- 'S ann tromhad tha na sòlasan
- Tha 'n Tìr na Glòire shuas.
- 'S tu phàirticheadh gu h-èifeachdach
- Rinn gnè nam flaitheas àrd;
- An àite greann na h-eucorach
- Bhiodh maise 's sgèimh nan gràs;
- 'S tu sheargadh gnè na truaillidheachd
- 'S a nuadhaicheadh ar càil;
- 'S tu thogadh chum nan nèamhan sinn
- Le tarraing threun do ghràidh.
- O Spioraid chaoimh nan gràsalachd,
- Nam biodh tu tàmh nar còir,
- 'S tu dh'fhuasgladh oirnn 's a shlànaicheadh
- An dream tha cnàmh fo leòn;
- 'S tu thogadh crìdh' nam bantraichean
- Gu seinn le aiteas mòr,
- 'S nach fàgadh gu neo-choibhneil iad
- An gainntir dorch a' bhròin.
- 'S tu mhùchadh teine 'n nàmhaideis
- 'S an t-sùil as gràinde colg;
- 'S tu rèiticheadh 's a chiùinicheadh
- A' mhala bhrùideil dhorch;
- 'S tu thogadh neul na h-aingidheachd
- Bharr gnùis nan aintighearn' borb
- 'S a bheireadh gionach saidhbhreis uap'
- 'S gach aimhleas tha nan lorg.
- Ach 's eagal leam gun d' thrèig thu sinn
- 'S do nèamh gun d' theich thu suas –
- Tha daoin' air fàs cho eucorach
- 'S do ghnè-sa fada uap';
- Tha seiche ghreannach fèinealachd
- Gan eudachadh mun cuairt –
- Chan eòl dhomh aon nì reubas e
- Ach saighead Dhè nan sluagh.
- A shaoghail, 's fada tuathal thu
- On uair sin anns na thrèig
- Do charthannas is d' uaisleachd thu,
- 'S a ghabh thu Fuath is Breug;
- Mar inneal-ciùil neo-cheòlmhor dhut,
- Gun teud an òrdugh rèidh,
- Cha seinn thu pong le òrdalachd
- 'S cha deòin leat dol air ghleus.
- Gur leatsa neart nan aintighearnan
- Is gèimhlichean nan tràill;
- Gur leat guth treun nan ainneartach
- 'S guth fann an fhir tha 'n sàs;
- Gur leatsa spìd is uabharrachd
- An t-sluaigh tha 'n ionad àrd,
- 'S a mheasas cho mì-fhiùghail sinn
- Ri sgùileach air an tràigh.
- Gur leat an creideamh buaireasach
- A dhùisgeas gruaim is greann,
- An creideamh nach dèan suairce sinn
- 'S nach dèan ar n-uabhar fann;
- An creideamh th' aig na diadhairean
- Lem miann a' chòmhstri theann –
- Nan làimh-san dh'fhàs a' Chrìosdalachd
- Mar bhiast nan iomadh ceann.
- An searmonaiche prèisgeil ud,
- 'S ann dh'èigheas e le sgairt
- Gur mallaicht' sinn mur èisdear leinn
- Ra chreud-san - an tè cheart;
- An àite bhith sìor èigheach rinn
- Mur dleasdanas 's gach beart,
- A dhèanamh daoine cèillidh dhinn
- An làthair Dhè nam feart.
- O Charthannais, gur h-àlainn thu,
- A ghràis as àirde luach!
- Ach 's lìonmhor nach toir àite dhut
- Gu bràth nan cridhe cruaidh.
- Nan deònaicheadh a' cheòlraidh dhomh
- Mo chomas beòil car uair,
- Gun innsinn pàirt de ghnìomharan
- Nam biast thug dhutsa fuath.
- Cha robh do ghnè-s' an Dòmhnall bochd,
- Am fear bu rògaich goill,
- Bha 'n dùil gum biodh gach Leòdhasach
- Air fhògaradh don choill;
- Ach phàigh e pàirt de dhò-bheartan
- Is gheibh e 'n còrr a thoill –
- Gun aithnich e gu dòrainneach
- Gur feàrr a' chòir na 'n fhoill.
- Cha robh do ghnè-s' a' riaghladh
- Ann am broilleach iarainn cruaidh
- Nam bàillidhean 's nan tighearnan
- Chuir sìos an tìr mu thuath;
- Bu charthannach na fàrdaichean
- Bha seasgair, blàth innt' uair,
- 'S tha tìr nan daoine còire 'n-diugh
- Na fàsach dòbhaidh truagh.
- Gun chuir iad fo na naosgaichean
- An tìr a b' aoigheil sluagh;
- Gun bhuin iad cho neo-dhaonndachail
- Ri daoine bha cho suairc';
- A chionn nach faodte 'm bàthadh,
- Chaidh an sgànradh thar a' chuain –
- Bu mhiosa na bruid Bhàbiloin
- An càradh sin a fhuair.
- A Bhreatainn, tha e nàrach dhut,
- Ma dh'àirmhear ann do sgeul
- Gun bhuin thu cho mi-nàdarrach
- Rid fhìor-shliochd àlainn fhèin –
- An tìr bha aig na gaisgich ud
- A theasairg thu nad fheum,
- A thionndadh ga blàr-spòrsa
- Do na stròidhealaich gun bheus.
- Nach dìblidh cliù ar mòr-uaislean,
- Na fir as neònaich' mèinn –
- Carson a tha iad mòr-chùiseach,
- 'S iad beò air spòrs gun chèill?
- Nan còmhdaicheadh na ruadh-chearcan
- Lem buachar uachdar slèibh,
- 'S e siud a b' fheàrr a chòrdadh riu
- Na sràidean òir air nèamh.
- O, criothnaich measg do shòlasan.
- Fhir fhòirneirt làidir chruaidh!
- Dè 'm bàs no 'm pian a dhòirtear ort
- Airson do leòn air sluagh?
- 'S e osnaich bhròin nam bantraichean
- Tha sèid do shaidhbhries suas;
- Gach cupan fìon a dh'òlas tu,
- 'S e deòir nan ainnis truagh.
- Ged thachradh oighreachd mhòr agad
- 'S ged ghèill na slòigh fod smachd,
- Tha 'm bàs is laghan geur aige,
- 'S gum feum thu gèill da reachd;
- Siud uachdaran a dh'òrdaicheas
- Co-ionann còir gach neach,
- 'S mar oighreachd bheir e lèine dhut,
- 'S dà cheum de thalamh glas.
- 'S e siud as deireadh suarach dhut,
- Thus', fhir an uabhair mhòir,
- Led shumanan 's led bhàirlinnean
- A' cumail chàich fo bhròn;
- Nuair gheibh thu 'n oighreachd shàmhach ud,
- Bidh d' àrdan beag gu leòr;
- Cha chluinnear trod a' bhàillidh ann
- 'S cha chuir maor grànd' air ròig.
- 'N sin molaidh a'chnuimh shnàigeach thu,
- Cho tàirceach 'sa bhios d' fheòil,
- Nuair gheibh i air do chàradh thu
- Gu sàmhach air a bòrd;
- Their i, "'S e fear mèath tha 'n seo
- Tha math do bhiast nan còs,
- On rinn e caol na ceudan
- Gus e fhèin a bhiathadh dhòmhs'."
Spiorad a' Charthannais
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd
