Brìgh nam Facal
Tagh na facail a th' air an comharrachadh airson mìneachadh fhaighinn
An Gaisgeach
- Cha bu ghaisgeach Alasdair Mòr
- No Ceusar thug an Ròimh gu gèill;
- Oir ged a thug iad buaidh air càch,
- Dh'fhan iad nan tràill' dam miannaibh fèin.
- Cha ghaisg' an nì bhith liodairt dhaoin',
- 'S cha chliù bhith ann an caonnaig tric;
- Chan uaisle inntinn àrdan borb,
- 'S cha treubhantas bhith garg gun iochd.
- Ach 's gaisgeach esan a bheir buaidh
- Air eagal beatha 's uamhann bais,
- 'S a chòmh'laicheas le misnich crìdh'
- A h-uile nì atà dha 'n dàn.
- 'S e 'n gaisgeach esan bheir fo chìs
- A thoil chum strìochd' do reusan ceart,
- 'S a smuaintean ceannairceach gu lèir
- Bhith 'n òrdugh gèilleachdainn da smachd.
- San oidhch' nuair laigheas e chum suain,
- Bidh shubhailcean mun cuairt da fèin,
- Mar shaighdearan mu thimcheall rìgh,
- Ga dhìdean o gach nàmhaid treun.
- Sa mhadainn nuair a dh'èireas suas,
- Cruinnichidh smuaintean às gach àit',
- 'S e fèin nan ceann mar chaiptean seòlt',
- Gan suidheachadh an òrdugh blàir.
- Chum cogaidh 'n aghaidh miann na feòl',
- Gach bochdainn 's dòrainn ta san t-saogh'l,
- Gach ribe is gach innleachd bàis
- Ta 'n Deamhan gnàthach' 'n aghaidh dhaoin'.
- Tha inntinn daingeann mar a' chreag,
- Cha charaich eagal e no fiamh;
- Tha shùilean furachair is geur;
- Is lèir dha 'n dubhan crom tron bhiadh.
- Gu dìomhain nochdaidh 'n saogh'l a ghlòir,
- Gach òr is inbhe atà ann;
- Ta saidhbhreas aig' cho pailt na chrìdh'
- 'S gur truagh leis rìgh is crùn mu cheann.
- Is ge do sgaoil an strìopach lìon,
- Gu ghlac' le innleachdaibh a mais',
- Cha drùidh air dealanach a sùl,
- 'S cha leagh i rùn le miannaibh laist'.
- A nàmh cha choisinn air gu bràth,
- Ged gheibh e sàrachadh ri h-uair;
- 'S e neart 's a shlàinte cridhe brùit',
- Is air a ghlùinibh bheir e buaidh.
- 'S i 'n fhìrinn ghlan as clogad da,
- Is gràs a chreideimh aig' mar sgiath;
- 'S e 'n Sgriobtar naomh a chlaidheamh geur,
- 'S a mhisneach ta gu lèir an Dia.
- O m' anam, dùisg is deasaich t' airm,
- 'S gabh farmad ris a' ghaisgeach threun,
- Is t' ana mianna cuir fo chìs,
- Chum rìogh'chd a cheannsach' annad fèin.
- Biodh t' inntinn àrd os cionn nan speur –
- Chan eil fon ghrèin ach pòrsan truagh;
- Mar tholman ùire faic an saogh'l,
- Is daoin' mar sheangain air mun cuairt:
- A null 's a nall gun fhois gun tàmh,
- A' cruinneach' às gach àit' dan cist',
- Gu lìonmhor marcachd thar a chèil'
- 'S a' trod gu geur mu bhioran brist'.
- Nuair chì thu 'n sealladh seo den t sluagh,
- Do smuainte cruinnich riut gu lèir,
- A shealbhach' saidhbhreis, sonais 's sìth
- Air nach tig crìoch ad anam fèin.
An Gaisgeach
Tagh na facail a th' air an comharrachadh ann an dearg airson mìneachadh fhaighinn.
